Oifigear Leasachaidh: Òigridh is Coimhearsnachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • Sgìre an Loch a' Tuath (Steòrnabhagh)
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £22,000 sa bhliadhna
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna sa chiad dol a-mach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website cnag_AlbaComunn na Gàidhlig

Oifigear Leasachaidh - Òigridh & Coimhearsnachd - Loch a Tuath

‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann: am measg an òigridh, a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.

Thòisichear air an Iomairt seo – a’ frithealadh na sgìrean timcheall air an ‘Loch a’ Tuath’ (am Bac agus an Rubha) – ann an 2014.

San là a th’ann, mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Tha seo ga dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarruingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha. Tha an obair againn a’ leantainn – 100% – tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha sinn a’ lorg cuideigin le misneachd is mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh san là an diugh.

Tha an dreuchd a tha seo a’ leantainn le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, agus ann an compàirt le Comhairle nan Eilean Siar.

NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.