Oifigear Leasachaidh: Òigridh is Coimhearsnachd – Sgìre nan Loch

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Sgìre nan Loch
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £22,000 (pro rata)
  • Cùmhnant / Contract: bliadhna sa chiad dol a-mach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 17.5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website cnag_AlbaComunn na Gàidhlig

Oifigear Leasachaidh - Òigridh & Coimhearsnachd - Sgìre nan Loch

‘Se cothrom a tha seo a dhol an sàs aig teis mheadhan obair leasachaidh na Gàidhlig – mathaid ‘san raon às cudromaiche a th’ann – am measg an òigridh; a’ cumail taic ri luchd-labhairt ùr.

Tha na “h-Iomairtean Ghàidhlig” air a bhith stèidhichte aig Comunn na Gàidhlig bho chionn 2009, agus tha an dreuchd a tha seo mar phàirt den sgioba cliùiteach, taiceil seo.

‘Se Iomairt ùr a tha seo, stèidhichte tro chompàirteachas eadar CnaG, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar. Bithidh an dreuchd stèidhichte, aig ìre 0.5FTE ann an sgìre nan Loch ann an Leòdhas.

Mar leis a h-uile Iomairt Ghàidhlig eile, tha fòcas làidir gu bhith againn anns an sgìre seo air an òigridh fhèin, a’ feuchainn ri am brosnachadh agus am misneachadh anns a chànain, agus an dàimh-pearsanta a th’aca dhan Ghàidhlig a dhaingneachadh.

Thèid seo a dheànamh le measgachadh de seiseanan is cur-seachadan spòrsail is tarruingeach, gach cuid leis an oifigear fhèin gan lìbhrigeadh, neo le bhith a’ cur air dòigh feadhainn eile son seo dhèanamh.

Tha e riatanach gum bheil ùidh aig an neach a gheibh an dreuchd seo ann a bhith ag obair le daoine òga (sa bhun-sgoil, suas gu deireadh an àrd-sgoil); agus cuideachd a bhith an comas dàimh is càirdeas a thogail leotha.

Tha sinn a’ lorg cuideigin le mac-meanma, dealas dhan chànain, agus ùidh mhòr ann an obair òigridh.

NB – Bithidh foirm tagraidh a dhìth oirnn bho gach neach aig am bheil ùidh san dreuchd. Gheibh sibh leth-bhreac den fhoirm seo bho Mhàiri T NicDhòmhnaill air an seoladh post-d: mairit@cnag.org

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.