Oifigear Leasachaidh – Òigridh is coimhearsnachd

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steòrnabhagh
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £18,128 (0.8FTE) suas gu £22,600 (1FTE) sa bhliadhna.
  • Cùmhnant / Contract: 1 bliadhna
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Comunn na GaidhligComunn na Gaidhlig

 

Dreuchd: Oifigear Leasachaidh – Òigridh is coimhearsnachd

 

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach sa sgioba leasachaidh aca a lìonadh. Tha an dreuchd sa – Oifigear Leasachaidh Òigridh is Coimhearsnachd; Sgìre Loch a Tuath – na phàirt de sgioba eòlach, cliùiteach is comasach a tha ag obair gu maith na Gàidhlig le luchd-labhairt òga. Tha an obair a’ leantainn gach cuid ann an compàirt le sgoiltean is buidhnean eile, agus taobh a-muigh na sgoiltean sa choimhearsnachd fhèin. Bithidh cothrom aig an neach a tha seo leantainn ris an obair a tha mu thràth stèidhichte san sgìre, a thuilleadh air na beachdan aca fhèin a chuir an sàs.

 

Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a’ gabhail a-steach:

 

·         Pròiseactan leasachaidh òigridh anns an sgìre ainmichte – gach cuid còmhla ri sgoiltean, agus sa choimhearsnachd mu chuairt;

·         An òigridh a mhisneachadh anns a Ghàidhlig – gu bhith deònach is toilichte a’ cleachdadh;

·         A’ bhith a’ brosnachadh foghlam Gàidhlig san sgìre, aig gach ìre

·         A’ bhith an sàs (còmhla ri feadhainn eile san sgìoba) ann am prògram thachartasan nàiseanta ChnaG (m.e. campaichean Sradagan, Cuach na Cloinne, campaichean eile)

·         A’ bhith a’ clàradh toraidhean na h-obrach – a thaobh àireamhan chlòinne an sàs ann an tachartasan agus mar sin air adhart;

 

Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:

 

Fileanta agus misneachail anns a’ Ghàidhlig – gach cuid labhairt agus sgrìobhadh .
Eòlach agus misneachail ann an obair òigridh, is an comas dàimh a thogail leotha;
Comasach air co-obrachadh le daoine eile mar phàirt de sgioba – m.e. luchd-teagaisg, phàrantan, oifigearan eile
Comasach fòcas agus libhrigeadh air prògram òbrach ionadail agus targaidean eile;
Faodaidh an dreuchd seo bhith stèidhichte aig ìrean eadar 0.8 agus 1.0 FTE(làn ùine). Bithidh seo a rèir miann/comas an tagraiche às fheàrr. A rèir siud, bidh an tuarastal aig ìre £18,128 (0.8FTE) suas gu £22,600 (1FTE) sa bhliadhna. (Tha peinsean de 9% peinsean ann, air muin an tuarastal a thèid aontachadh).

 

Tha an dreuchd sa stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort, ach ag obair ann an ‘Sgìre an Loch a Tuath – eadar an Rubha agus a Bhac.

 

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:

Màiri T NicDhòmhnaill, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Fòn: 01851 701802    Post-dealain: oifis@cnag.org

 

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 12.00f air 8mh Màirt 2019 agus bidh agallamhan ann, ann an Steòrnabhagh, uairegin san t-seachdain a’ tòiseachadh air 11mh Màirt.

 

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a’ cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.

 

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.