Stiùiriche Leasachaidh – Development Director

  • Full Time
  • Steornabhagh
  • Posted 4 weeks ago
  • Applications have closed
  • Salary: £36-37,000
  • Contract: Maireannach
  • Hours per week: 35
  • Gaelic Essential

Website Comunn na Gàidhlig

Obair leasachaidh òigridh aig ìre coimhearsnachd

Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) airson dreuchd cudromach aig àrd ìre sa sgioba stiùiridh aca a lìonadh. Tha an dreuchd sa – Stiùiriche Leasachaidh – aig cridhe sgioba ChnaG.  ‘S e dreuchd an Stiùiriche Leasachaidh an dreuchd is àirde, fo dreuchd a’ Cheannard, agus le sin, bidh an dreuchd sa a’ cur gu mòr ri obair leasachaidh agus soirbheachas ChnaG le bhith a’ stiùireadh an sgioba agus an obair leasachaidh.

 

Bidh prìomh dhleastanasan na dreuchd a’ gabhail a-steach:

·         Stiùireadh sgioba leasachaidh ChnaG air feadh Alba;

·         Stiùireadh neo compàirteachadh an cuid de phròiseactan leasachaidh ChnaG (Cuach na Cloinne, Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean);

·         Cur ri ro-innleachd leasachaidh ChnaG, le bhith a’ comharrachadh dòigh-obrach ùr-ghnàthach airson leasachadh na Gàidhlig am measg an òigridh agus na coimhearsnachdan.

 

Feumadh sibh dearbhadh gu bheil sibh:

 

– Eòlach ann an stiùireadh corporra/gnothachas, a’ toirt a-steach riaghladh luchd-obrach èifeachdach;
– Eòlach air roinn leasachaidh na Gàidhlig le mothachadh air na dùbhlain agus na cothroman na luib;
– Comasach fòcas agus libhrigeadh air cùmhnantan agus targaidean eile;
– Eòlach air rianachd ionmhais agus comas ullachadh agus riaghladh buidseat;
– Comasach, labhairt agus sgrìobhadh, ann an Gàidhlig aig àrd ìre.
Bidh an tuarastal aig ìre £37-38,000/ sa bhliadhna agus 9% peinsean

 

Tha an dreuchd sa stèidhte an Steòrnabhagh, san Tosgan air Rathad Shìophort.

 

Gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus foirm tagraidh bho:

Calum Iain MacLeòid, CnaG, An Tosgan, Rathad Shìophort, Steòrnabhagh HS1 2DG

Fòn: 01851 701802    Post-dealain: calumiain@cnag.org

 

Feumaidh foirm tagraidh a bhith a-staigh ro 5.00f air 19 Giblean 2018 agus bidh agallamhan ann air Diciadain 25 Giblean, ann an Steòrnabhagh. 

 

Tha Poileasaidh Co-ionnanachd Chothroman aig CnaG agus tha sinn a’ cur fàilte air iarrtas bho gach roinn den choimhearsnachd.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.