Neach-cuideachaidh Corpais agus Tasglann-Èisteachd / Corpus & Audio Archive Assistant

  • Làn-thìde / Full-time
  • University Of Glasgow, Dumbarton Road, Glasgow
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £19,612 - £22,417 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 10 months
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website DASG_GlaschuDachaigh airson Stòras na Gàidhlig

Thèid thu an sàs ann an obair aig àrd-ìre co-cheangailte ri Dàta airson Stòras na Gàidhlig (DASG). Bidh e mar dhleastanas ort teacsaichean Gàidhlig a dhidseatadh le goireas OCR, a sga-nadh, a dheasachadh is a sheòrsachadh, clàraidhean Gàidhlig a thar-sgrìobhadh, agus an catalog air-loidhne a ùrachadh. Bidh agad ri beagan siubhail a dhèanamh gus tadhal air tasglannan, lei-thid Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus Leabharlann Oilthigh Dhùn Èideann.

You will undertake high-quality work relating to the Digital Archive of Scottish Gaelic (DASG). With responsibility for digitising Scottish Gaelic texts by using OCR (Optical Character Recognition) software, you will ensure scanned images and texts are labelled correctly and edit any images as appropriate. In addition you will transcribe Gaelic recordings and update the online audio catalogue. Some travel to work in repositories such as the National Library of Scotland or Edinburgh University Library will be necessary.

Eòlas is Teisteanasan / Knowledge and Qualifications

Riatanach / Essential:

A1 Ceum urramach ann an Gàidhlig na h-Alba, no ann an Ceiltis le Gàidhlig. / Honours degree in Scottish Gaelic or Celtic Studies with Gaelic.
A2 Mion-eòlas air litreachadh na Gàidhlig, gu sònraichte an stiùireadh ann an ‘Gnàthachas Li-treachadh na Gàidhlig’ bhon SQA. / Detailed knowledge of Scottish Gaelic spelling conventions.

Sgilean / Skills

Riatanach / Essential:

C1 Sàr sgilean conaltraidh, sgrìobhte agus labhairt, ann an Gàidhlig agus Beurla. / Excellent communications skills both orally and written, in both English and Scottish Gaelic.
C2 Deagh sgilean eadar-phearsanta agus taisbeanaidh. / Good interpersonal and presentation skills.
C3 Sgilean ann a bhith a’ cumail rian air tìde, tachartasan agus pròiseactan agus comasach air cinn-ama a choileanadh. / Time/project management skills and ability to work to deadlines.
C4 Comas obair air ur ceann fhèin agus breithneachadh neo-eisimeileach a dhèanamh. / Ability to use initiative and independent judgement.
C5 Comasach ann a bhith ag obair mar bhall de sgioba. / Ability to work as part of a team.
C6 Sàr sgilean TF. / Excellent IT skills.
C7 Comasach air brosnachadh pearsanta agus a bhith ag obair gun mhòran stiùiridh. / Ability to self-motivate and work with little supervision.

Comasan / Experience

Riatanach / Essential:

E1 Eòlas ann a bhith ag obair ann an àrainneachd Ghàidhlig. / Previous experience of working in a Gaelic environment.
E2 Eòlas air prògraman TF: Microsoft Office, Post-dealain & an t-Eadar-lion. / Experience of a wide range of IT packages including word processing, spreadsheets, databases and internet/mail.
E3 1-2 bliadhna de dh’eòlas-obrach freagarrach le teisteanasan, no 3–4 bliadhna de dh’eòlas-obrach gun teisteanasan freagarrach. / 1-2 years relevant work experience with qualifications or 4-5 years relevant work experience without relevant qualifications.

Na Bhuannachd / Desirable:

F1 Eòlas ann an teacsaichean a sganadh agus a bhith ag obair air pròiseactan didseatach na Gàidhlig. / Experience of scanning texts and working on Gaelic digital projects.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.