Neach-rannsaiche

  • Neo-cheangailte / Freelance
  • Anywhere
  • Posted 3 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £12,000 fee
  • Cùmhnant / Contract: 6 - 12 months
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • April 26, 2019

East Coast Regional Group (Angus Council, Fife Council, Perth & Kinross Council, Aberdeen City Council, Dundee Council, Aberdeenshire Council)

Gàidhlig ann an Costa an Ear na h-Alba: Rannsachadh air sgìrean nan ùghdarrasan ionadail a leanas: Obar Dheathain, Siorrachd Obair Dheathain, Aonghas, Dùn Dè, Fìobha agus Peairt is Ceann Rois.

Prìomh cheistean rannsachaidh:

1. Dè an eachdraidh a th’ aig a’ Ghàidhlig ann an sgìrean nan ùghdarras ionadail a leanas: Obar Dheathain, Siorrachd Obair Dheathain, Aonghas, Dùn Dè, Fìobha agus Peairt is Ceann Rois?

2. Dè an suidheachadh a th’ aig a’ chànan san latha an-diugh?

3. Dè na cothroman a th’ ann airson leasachadh is fàs anns gach sgìre?

Amasan:

·         Gus geàrr-chunntas a sgrìobhadh de dh’eachdraidh na Gàidhlig anns gach tè de na sgìrean ùghdarrais ionadail seo, a’ cleachdadh dàta eachdraidheil bhon chunntas-sluaigh, toraidhean aig rannsachadh a rinneadh roimhe, agus litreachas.

·         Gus stadastaireachd a thoirt seachad (suas gus an latha an-diugh) mu àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig agus àireamhan a tha an sàs ann am foghlam Gàidhlig anns na sgìrean sin, agus gus tuigse fhaighinn air mar a thathar a’ cleachdadh na Gàidhlig anns na coimhearsnachdan sin tro choinneamhan buidhnean fòcais agus tro bhith a’ dèanamh ceangal ri oifigearan aig na h-ùghdarrasan ionadail.

·         Gus an ceangal eadar a’ Bheurla Ghallda agus a’ Ghàidhlig anns na sgìrean seo a sgrùdadh agus gus anailis a dhèanamh air.

·         Gus dèanamh cinnteach gu bheil na sia sgìrean ùghdarrais ionadail air an riochdachadh anns na toraidhean.

·         Gus aithisg a dhèanamh a bhiodh freagarrach airson co-roinn leis an t-sluagh aig tachartas sònraichte.

Stiùireadh a’ Phròiseict

Feumaidh an cùmhnantaiche a bhith deònach aithisgean adhartais a thoirt do na h-ùghdarrasan ionadail gach mìos agus a bhith deònachadh coinneachadh/a bhith a’ dèanamh co-labhairt bhideo le riochdairean aig na Ùghdarrasan Ionadail nuair a thèid

seo iarraidh (air làithean a thèid aonachadh). Feumaidh an cùmhnantaiche dreachd aithisg a chur a-steach ann an cruth dealanach, taobh a-staigh 5 mìosan bho chaidh an cùmhnant aontachadh, agus feumaidh iad an uair sin aithisg dheireannach a chur a-steach 4 seachdainean às dèidh dhaibh fios fhaighinn air ais mun dreach aithisg.

Eòlas an Neach-comhairle:

Bu chòir cùmhnantaichean soirbheachail a bhith comasach air dearbhadh gu bheil na sgilean aca airson a bhith a’ conaltradh anns a’ Ghàidhlig, a bhith comasach air toraidhean an rannsachaidh a thoirt seachad ann an còmhradh agus ann an sgrìobhadh. Feumaidh eòlas is sgilean rannsachaidh a bhith aca anns an raon seo cuideachd.

Bu chòir dhan phrìomh aithisg a bhith sgrìobhte sa Bheurla le geàrr-chunntas de na toraidhean an dà chuid sa Bheurla agus sa Ghàidhlig.

Cosgais:

Bidh buidseat de £12,000 aig a’ phròiseact seo, a’ gabhail a-steach chosgaisean (àiteachan-fuirich, siubhal is mar sin air adhart) agus VAT. Thèid ionad sam bith a tha dhìth gus buidhnean fòcais a chumail a chur air dòigh le oifigearan nan ùghdarrasan ionadail agus cha bhi aig a’ chùmhnantaiche ri pàigheadh airson seo.

Ceann-là Dùinidh agus Neach Fios:

 

Bu choir iarrtasan a bhith a-staigh aig Doreen Phillips PhillipsD@angus.gov.uk ro Dihaoine 26mh dhen Ghiblein 2019

 

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.