Stiùiriche an Ionmhais (Fòrladh Màthaireil – 9 mìosan)

  • Sealach / Temporary
  • Slèite
  • Posted 4 days ago
  • Tuarastal / Salary: £50,000-£55,000
  • Cùmhnant / Contract: 9 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • January 16, 2019

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigFaclair na Gàidhlig

Ionad Nàiseanta Canan is Cultar na Gàidhlig

PRÌOMH UALLAICHEAN

  •  Cumail taic ris a’ Phrionnsapail agus ris a’ Bhuidhinn Ghnìomh tro bhith a’ lìbhrigeadh siostaman ionmhais agus taic aig àrd ìre a leigeas leis a’ Cholaiste a cuid amasan ro-innleachdail a choileanadh
  • A bhith ag ullachadh agus mothachail air an t-seòrsa fiosrachaidh a bhios a dhìth airson co-dhùnaidhean na Colaiste a bhreithneachadh agus aithisgean iomchaidh ullachadh, ann an deagh àm, do na buidhnean freagarrach leithid am Bòrd, Comataidh an Ionmhais, a’ Chomataidh Sgrùdaidh, a’ Bhuidheann Gnìomh agus a’ Bhuidheann Stiùiridh
  •  Dèanamh cinnteach gu bheil siostaman taic na Colaiste a’ cur ri ruith na Colaiste; gu bheil iad air an stiùireadh ann an dòighean èifeachdach (a’ gabhail a-staigh stiùireadh chunnartan) agus gu bheilear ag obair aig an ìre as àirde a thaobh iomchaidheachd, riaghlaidh agus sgrùdaidh ‘s gu bheil ro-innleachd ionmhais na Colaiste a’ riochdachadh toil a’ Bhùird
  •  Tuigse shoilleir a bhith agad air dòighean maoineachaidh na Colaiste agus fiosrachadh mar an ceudna a thoirt seachad do luchd-obrach is manaidsearan mar a bhios iomchaidhDèanamh cinnteach gun gabh teachd-a-steach na Colaiste àrdachadh tro bhith a’ lorg cothroman maoineachaidh, a’ toirt seachad stiùireadh air tagraichean agus dèanamh cinnteach gu bheil na h-aithisgean freagarrach ullaichte
  • Gabhail uallaich airson do leasachaidh phearsanta fhèin an co-bhonn ris a’ Phrionnsapal agus a bhith dealasach agus èasgaidh ùine a thoirt seachad dha do leasachadh fhèin, a rèir na h-obrach agus feumalachdan na Colaiste

More info

T O.docx
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.