Manaidsear Pròìseict

  • Làn-ùine / Full-time
  • Sùbailte
  • Posted 1 week ago
  • Tuarastal / Salary: £32,548-38,833
  • Cùmhnant / Contract: Seasmhach
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • October 12, 2018

Làrach-linn / Website Faclair na Gàidhlig

’S e iomairt eadar-oilthigh anns a bheil oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èidinn, Ghlaschu, Shrath Chluaidh agus Sabhal Mòr Ostaig OGE an sàs a th’ ann am Faclair na Gàidhlig a bhios a’ cruthachadh faclair eachdraidheil airson Gàidhlig na h-Alba.  Thathar a’ sireadh iarrtasan airson post Manaidsear Pròìseict air am bi uallach leasachadh, cur an gnìomh agus ruith na h-obrach neo-acadaimigich co-cheangailte ri Faclair na Gàidhlig.  Bheir am post seo seachad cothrom cuideachadh le soirbheachadh a’ phròiseict na amasan acadaimigich.

Le foghlam gu ìre ceuma no co-ionann, bidh comas dearbhte agad ann an manaidsearachd agus rianachd agus sgilean barraichte ann an conaltradh agus taisbeanadh.  Bidh sgilean obrach ann an sgioba agad cuide ri aire mhionaideach gu mion-phuingean agus comas obair a phlanaigeadh agus prìomhachas a chur oirre.

Tha Faclair na Gàidhlig a’ cur roimhe inbhe na Gàidhlig a dhèanamh seasmhach is a thogail. Gheibhear cothroman a’ chànan ionnsachadh no ar sgilean innte a leasachadh.

Cuiribh CV agus litir na chois air post-d gu lp.smo@uhi.ac.uk no sa phost gu Lorna Pike, Co-òrdanaiche a’ Phròiseict, Faclair na Gàidhlig, Fàs, Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RQ.

Thèid agallamhan an cumail air 1 Samhain 2018.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.