Neach-obrach Cùram-chloinne

  • Làn-ùine / Full-time
  • Slèite
  • Posted 2 months ago
  • Tuarastal / Salary: £17,062
  • Cùmhnant / Contract: Seasmhach

An toil leibh a bhith ag obair le clann?

Airson ur sgilean Gàidhlig a leasachadh?

Airson HNC Cùram-chloinne a dhèanamh aig an aon àm?

Tha Fàs Mòr a’ fastadh luchd-obrach cùram-chloinne an-dràsta. Stèidhichte ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, tha sinn a’ tabhann cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 0-12 bliadhna.  Le sgioba laghach, chruthachail agus èasgaidh, tha Fàs Mòr Fàs Mòr stèidhichte air làrach an t-Sabhail Mhòir far a bheil coimhearsnachd de dh’oileanaich air cùrsaichean Gàidhlig. Bidh sinn a’ tabhann HNC Cùram-chloinne pàirt-thìde bhon t-Sultain agus bith cothrom agaibh sin a dhèanamh. Cothroman-obrach làn-ùine agus pàirt-ùine.

Bidh agaibh ri dhol tro sgeama PVG.

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.