Oifigeach Gàidhlig / Fèis Rois Gaelic Officer

  • Làn-thìde / Full-time
  • Dingwall
  • Posted 4 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £28,143
  • Cùmhnant / Contract: This is a fixed term contract for 12 months from 1st July 2022 to 30th June 2023. The post is funded by Bòrd na Gàidhlig.
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Mu dheidhinn Fèis Rois

Air a stèidheachadh ann an 1986, tha Fèis Rois air tè de na prìomhbhuidhnean ealain dhùthchasach ann an Alba. Na buidhinn bhig le buaidh mhòr, bidh Fèis Rois a’ cruthachachadh chothroman cudromach do dhaoine de gach aois pàirt a ghabhail ann an dual-cheòl agus sa Ghàidhlig. ‘S e tha nar rùn sàr-chluich agus compàirt a bhrosnachadh sa h-uile seòrsa ealain dhualchasach, leithid taic ri cruthachas, tionnsgalachd agus cluich an là andiugh ann an Ros is Cromba agus nas fharsainge.

Prìomh-fhàth Dreuchd an Oifigich Ghàidhlig

A bhith a’ stiùradh a h-uile raon de leasachadh na Gàidhlig airson Fèis Rois, na mheasg: cur an comas barrachd dhaoine Gàidhlig a chleachdadh is a mhealtainn san obair agus sa choimhearsnachd;a’ meudachadh chothroman do dhaoine de gach aois aig a bheil gnothach ri Fèis Rois piseach a thoirt air an sgilean Gàidhlig;a’ mòrachadh aire luchd-èisteachd is luchd-compàirt Fèis Rois air a’ Ghàidhlig

Dleasdanas

• A’ cur ris, agus a’ cur Gàidhlig ann an cridhe, Plana Gnìomhachais ùr Fèis Rois, a mhaireas, aig a’ char as lugha, na còig bliadhna eadar 2023 gu 2028.

• Ag obair còmhla ri Bòrd Fèis Rois airson Poileasaidh Cànain Gàidhlig Fèis Rois a sgrùdadh agus ùrachadh

• Ag obair còmhla ris a’ Cheannard airson Plana Leasachadh Cruthachail Gàidhlig ùr a sgrìobhadh a thaobh àite na Gàidhlig nuair a chuirear pròiseactan an gnìomh

• A bhith os cionn oideas na Gàidhlig do luchd-obrach Fèis Rois (PAYE agus air an ceann fhèin)

• A bhith os cionn leasachadh is cur an gnìomh a h-uile h-obair le aire air a’ Ghàidhlig aig Fèis Rois

• A’ dèanamh cinnteach gum faicear a’ Ghàidhlig air na meadhanan sòisealta is air an fhiosrachadh dhigiteach air fad aig Fèis Rois

• A’ làimhseachadh buidseit pròiseict, na mheasg a’ ceadachadh fhàirdealan agus a’ cumail sùil air cosgaisean làitheil pròiseict

• A’ dèanamh cinnteach gu bheil dòighean sàbhailteachd ann is gu bheilear a’ measadh cunnairt gu dòigheil sa h-uile pròiseict a tha fodhaibh

• A’ dèanamh cinnteach gu bheil gach fiosrachadh a tha ga chruinneachadh airson a’ phròisect a rèir iarrtasan Bòrd na Gàidhlig

Cha bu chòir smaointinn air an tuairisgeul obrach seo mar liosta iomlan dleastanais, agus dh’fhaodadh obair eile nach eil gu h-àrd togail ceann, ris am bi dùil gun coilean an neach sa dreuchd. Thèid an dleasdanas a bharrachd a shuidheachadh a rèir ‘s mar a tha gnothaichean ‘s mar a tha e a dhìth

Sgilean is Eòlas Riatanach

• Fileanta ann am bruidhinn na Gàidhlig le sàr-Ghàidhlig sgrìobhte

• Sàr-sgileanan conaltraidh agus an comas air co-obrachadh gu hèifeachdach le taghadh farsaing dhaoine

• Sgilean math coimpiutaireachd agus misneachd ann a bhith a’ cleachdadh ghoireasan Microsoft Office, WordPress agus làraichean meadhanan sòisealta • Comas air obair mar phàirt de sgioba beag agus dàimh a dhèanamh ri coimhearsnachdan, co-oibrichean, luchd-compàirt a-muigh agus luchdcomainn

• Eòlas air grunn phrìomhachasan a làimhseachadh agus comas air obair taobh a-staigh ceann-ùine geàrr ach aig a’ cheart àm le aire mhionaideach

Sgilean agus Eòlas a b’ fheàrr leinn

• Ceum oilthigh ann an cuspair buntainneach

• Eòlas-obrach roimhe ann an dreuchd choltach ann an roinn na h-ealain, leasachadh cànain, no nan saor-thoileach

Feartan Pearsanta

Tha sinn a’ sireadh neach:

• a sgrùdas is a dh’fhuasglas duilgheadas

• a smaoinicheas gu ro-innleachdail

• a tha fosgarra dàimheil

• a dh’atharraicheas cùisean a-rèir an t-suidheachaidh

• a tha co-obrachail ann an sgioba

Dìon Bhuidhnean Maoth

Feumaidh na tagraichan soirbheachail iarrtas sàr-DBM a lìonadh le Disclosure Alba.

Mar a chuireas sibh mu dheidhinn seo

Feuch gun cuir sibh ur cunntas-beatha agus 2 x thaobh A4 aig a’ char as motha ag innse carson a bu mhiann leibh an dreuchd seo a lìonadh, agus an t-eòlas freagarrach a bheireadh sibh don dreuchd, gu fiona.dalgetty@feisrois.org gun a bhith nas fhaide na meadhan-latha Diluain 6 Òg-mhìos.

Primary Purpose of the Gaelic Officer

Role To lead on all areas of Gaelic development for Fèis Rois, including: providing opportunities for more people to use and benefit from Gaelic at work and in the community; increasing opportunities for people of all ages engaging with Fèis Rois to develop their Gaelic skills; raising awareness of Gaelic amongst Fèis Rois audiences and stakeholders.

Responsibilities

• Contributing to, and placing Gaelic at the heart of, the new Fèis Rois Business Plan, which will cover, at a minimum, the five-year period 2023 to 2028.

• Working with the Board of Fèis Rois to review and update the Fèis Rois Gaelic Language Policy

• Working with the Chief Executive to write a new Gaelic Creative Development Plan relating to Gaelic in the context of project delivery

• Leading on Gaelic language training for Fèis Rois staff (PAYE and freelance) • Leading on the development and delivery of all Gaelic language focussed activity at Fèis Rois

• Ensuring Gaelic is visible on all Fèis Rois social media and digital outputs.

• Managing a project budget, including authorising invoices and monitoring the day-to-day project spend

• Ensuring safeguarding procedures are in place and that all activity is appropriately risk assessed for projects you are leading on

• Ensuring all data collected for the project meets Bòrd na Gàidhlig’s requirements This job description should not be considered an exhaustive list of duties, and other tasks not included above may arise, which the post holder will be expected to fulfil. These additional duties will be determined by circumstances and be as and when required.

Essential Skills and Experience

• Fluent Gaelic speaker with excellent written Gaelic

• Excellent communication skills and the ability to liaise effectively with a wide range of people

• Good IT skills and confidence in using all Microsoft Office packages, WordPress and social media platforms

• An ability to work as part of a small team and build relationships with communities, colleagues, external partners and stakeholders

• Experience of managing multiple priorities and being able to work within tight deadlines whilst ensuring attention to detail.

Desirable Skills and Experience

• Degree educated in a relevant discipline

• Previous experience of working in a similar role in the arts, language development, or the third sector

Personal Qualities

We are looking for someone who is:

• Analytical and a problem solver

• A strategic thinker

• Approachable and empathetic

• Flexible and adaptable

• A team player PVG The successful candidate will be required to complete an Enhanced PVG application with Disclosure Scotland.

How to Apply

Please send your CV and 2 x A4 sides maximum outlining why you would like to take up this role, and what relevant experience you can bring to the post, to fiona.dalgetty@feisrois.org no later than midday on Monday 6th June.

Recruitment Schedule

6th June 2022, midday Closing date

w/c 13th June 2022 Interviews

By 17th June 2022 All candidates notified of outcome

1st July 2022 Start date*

30th June 2023 End of 12-month fixed term contract

 

*We know that some candidates will need to give at least 4-weeks notice and we can therefore be flexible with the start date and corresponding end date of the contract.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Tuairisgeul Obrach Oifigeach Gàidhlig.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.