Oifigear Leasachaidh

  • Làn-thìde / Full-time
  • 2 Ardross Terrace, Inverness
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £23,166 - £26,027 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website fngaidhealFèisean nan Gàidheal

Bun Fhiosrachadh

‘S e buidheann nàiseanta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, ag obair còmhla ri còrr is 45 Fèisean ionadail air feadh Alba, a’ toirt cothroim do thimcheall air 18,000 òganach sgilean ealan Ghàidhlig ionnsachadh a bharrachd air obair ann am foghlam Gàidhlig agus tachartasan coimhearsnachd a ghabhail os làimh.

Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr an-sàs anns gach roinn de leasachaidhean na Gàidhlig agus ciùil traidiseanta. Tha an neach san dreuchd làn-ùine seo a’ cumail taic ri Fèisean ann an sgìre EarraGhàidheil, Ghlaschu agus Dhùn Èideann agus a’ toirt air adhart leasachaidhean a-rèir rùn nam Fèis.

Bidh an dreuchd stèidhichte ann an Inbhir Nis ach bhiodh feum air siubhal gu sgìrean far a bheil na Fèisean a’ tachairt. Bidh an neach soirbheachail ag obair 35 uairean a thìde gach seachdain, fo stiùir Manaidsear Leasachaidh na buidhne.

Feumaidh tagraichean cunntas-beatha slàn (ann an Gàidhlig neo ann am Beurla) a chur thugainn a bharrachd air foirm-iarrtais air a lìonadh leis an fhiosrachadh air fad a tha a dhìth.

Cuiribh foirmean gu Anne Willoughby, Manaidsear Gnìomha, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a’ Mhill, PortRìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ neo air post-d gu anne@feisean.org.

Airson cothrom còmhraidh agus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mun dreuchd, leigibh fios gu Calum Ailig MacMhaoilein, Manaidsear Leasachaidh, Fèisean nan Gàidheal air 01463 225559.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.