Rianaire

  • Làn-thìde / Full-time
  • Port Righ, Portree
  • Posted 8 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £21,057 gu £23,398 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website fngaidhealFèisean nan Gàidheal

‘S e buidheann nàiseanta a tha ann am Fèisean nan Gàidheal, ag obair còmhla ri còrr is 45 Fèisean ionadail air feadh Alba, a’ toirt cothroim do thimcheall air 18,000 òganach sgilean ealan Ghàidhlig ionnsachadh a bharrachd air obair ann am foghlam Gàidhlig agus tachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh.

Thathar a’ sireadh Rianaire a bhios ag obair ann an grunn roinnean. Bhiodh eòlas air siostaman ionmhais agus tuarastail riantach agus sgilean coimpiutaireachd aig àrd ìre deatamach.

Bidh an neach a shoirbhicheas ag obair ann am prìomh oifis na buidhne ann am Port-Rìgh thairis air 35 uairean a thìde gach seachdain ged a bhitheamaid deònach bruidhinn ri tagraichean a thaobh modhan-obrach eile, mar eisimpleir obair pàirt-ùine seach làn ùine.

Bidh an Rianaire fo stiùir Manaidsear Gnìomha na buidhne.

Feumaidh an neach a shoirbhicheas a dhol tro dheuchainn mar bhall den
sgeama PVG aig Fèisean nan Gàidheal.

Feumaidh tagraichean cunntas-beatha (ann an Gàidhlig neo ann am Beurla) a chur thugainn an cois na foirm-iarrtais, air a lìonadh a-steach leis an fhiosrachadh air fad a tha sinn a’ sireadh.

Cuiribh foirmichean gu Anna Willoughby, Manaidsear Gnìomha, Fèisean nan Gàidheal, Taigh a’ Mhill, Port-Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach, IV51 9BZ neo air post-d gu anne@feisean.org ro 5f, Dihaoine 7mh Gearran 2020.

Airson cothrom còmhraidh agus barrachd fiosrachaidh mun dreuchd, leigibh fios gu Anna Willoughby air 01478 613355.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.