
Làrach-lìn / Website Gairloch Museum
Chruinnich ceithir buidhean dualchais Gàidhealach son iomairt a stèidheachadh a bhrosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus a thoirt air adhart aig na h-ionadan aca agus tron obair for-ruigheachd aca. Tha na ceithir ionadan – Taigh-tasgaidh Gheàrrloch, Taigh-tasgaidh an Iar air Ghàidhealtachd, Taigh-tasgaidh chloinne na Gàidhealtachd agus Comann Eachraidheil na Comraich – air an aon ràmh a thaobh a bhith a’ taisbeanadh, a’ brosnachadh agus a’ misneachadh eachdraidh, dualchas agus caractar na Gàidhealtachd. Ag obair còmhla, tha iad a’ sireadh taic bho Oifigeach Leasachaidh Gàidhlig, a rannsachadh agus a chomharrachadh cothroman airson dòighean ùra cruinneachaidhean a lìbhrigeadh, a bhith a’ ceangal ri luchd-ùidh nas eadar-dhealaichte agus cothroman cosnaidh ùra a chruthachadh, cothroman saor-thoileach agus ionmhais, le bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig tro na seirbheisean agus tachartasan a tha co-ionnan ris an adhbhar co-roinnte.
Tha an dreuchd seo air a mhaoineachadh ann am pàirt le Bòrd na Gàidhlig.