Business Support Executive

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £18,135 per year
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Àrd-Ìre

Làrach-lìn / Website Giglets Education

Literacy development for pupils, teachers and schools.

A bheil eòlas agad air a’ Ghàidhlig agus a bheil ùidh agad a bhith ag obair ann am foghlam?

Am bu toigh leat a bhith ag obair do Fhastaiche na Fìor Tuarastal Bith-beò a tha air clàradh le Gealltanas Gnothachas na h-Alba, a tha na bhall gnìomhach de Sheòmar Malairt Shiorrachd Àir agus a tha air liosta fhada de dhuaisean gnìomhachais a chosnadh?

Tha cothrom brosnachail aig ar neach-dèiligidh, an Companaidh EdTech, airson Gnìomhaiche Taic Gnothachais a tha tàlantach, dìoghrasach agus miannach air adhartas. An dèidh Duais Gnothachais Didseatach na h-Alba airson Foghlam agus Trèanadh a bhuannachadh ann an 2018, tha iad ag obair leis an roghainn as fheàrr sa ghnìomhachas, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na Cuimrigh agus còrr air 400 sgoil air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha an neach-dèiligidh seo aig tùs roinn gnothachais EdTech.

Is e àrd-ùrlar stèidhichte air an eadar-lìon prìomh thoradh a’ ghnothachais, a’ lìbhrigeadh stòrasan litearrachd is cànain aig ìre chruinneil a tha air an deilbh a dh’aon ghnothaich airson conaltradh le luchd-ionnsachaidh, taic a thoirt do dh’oidean foghlaim agus com-pàirteachadh le pàrantan.

Mar an tagraiche barrail, bidh Gàidhlig agad (ged a dh’fhaodadh feadhainn eile tagradh a dhèanamh), le fad-eòlas air rianachd, sùil gheur air mionaideachd, tuigse do chudromachd seirbheis frithealaidh luchd-cleachdaidh! Bidh comas conaltraidh soilleir labhairteach agus sgrìobhte aig an tagraiche fhreagarrach san dà chuid Beurla agus Gàidhlig. Tha cead-dràibhidh na RA ion-mhiannaichte ach chan eil e deatamach.

Bhiodh e fìor bhuannachdail nam biodh eòlas agad taobh a-staigh saoghal an fhoghlaim mar rianaire, cuidiche sgoilearan no a leithid sin. A thuilleadh air an sin, tha sgilean lìbhrigidh sàr-mhath deatamach ann an co-obrachadh le luchd-dèiligidh oir bidh tu a’ com-pàirteachadh le custamairean is com-pàirtichean luachmhor. Cuiridh tu taic ri sgiobaidhean àrd-stiùiridh, susbaint agus teicneòlais agus bidh dleastanas ort airson a bhith a’ làimhseachadh cheistean luchd-dèiligidh, clàr trèanaidh luchd-dèiligidh, stiùireadh oifis ann an iomlanachd a’ gabhail a-steach stiùireadh làitheil air an deasg-cuideachaidh is conaltradh le solaraichean agus ag obrachadh tro chùisean gèillidh. Obraichidh tu cuideachd leis an Sgioba Àrd-stiùiridh a’ toirt taic dhaibh le gnìomhan rianachd coitcheann mar thaic don obair aca.

Le bhith a’ tabhann an fhìor thuarastal bith-beò de £18,135 sa bhliadhna, tha an dreuchd seo maireannach, làn-thìde agus stèidhichte ann an Cill Mheàrnaig, ach, tha ar neach-dèiligidh ag iarraidh an tagraiche às fheàrr airson na h-obrach agus tha iad deònach beachdachadh air cuideigin ag obair aig astar. Tha an dreuchd cuideachd a’ tarraing chothroman obrach sùbailte a’ gabhail a-steach obair bhon taigh, poileasaidh cùram-slàinte làidir agus 28 latha de làithean-saora pàighte.

Tha fàilte air tagraichean iarrtasan a chuir a-steach le bhith a’ roinneadh an CV aca le litir-aghaidh. Gheibh ta-graichean soirbheachail agallamh fòn an toiseach le co-dhiù aon agallamh aghaidh-ri-aghaidh às dèidh làimh.
’S e An Lùnastal / An t-Sultain 2020 an deit a thathar an dùil an obair tòiseachadh.

Ma tha coltas cothrom brosnachail air an seo, feuch gun cuir thu fios thugainn sa bhad. Tha sinn a’ feitheamh ri cluinntinn bhuat! Cuir do chunntas-bheatha gu Hello@arenahr.co.uk

’S e Dimàirt 4mh An Lùnastal aig 1700 an ceann-latha airson iarrtasan.

 

Do you have a knowledge of the Gaelic language and are you interested in working in education?

Would you like to work for a Real Living Wage Employer who has signed up to the Scottish Business Pledge, is an active member of Ayrshire Chamber of Commerce and who has achieved a long list of industry awards?

Our client, a multi-award-winning EdTech Company has an exciting opportunity for a talented, enthusiastic and ambitious Business Support Executive. Having won the Scottish Digital Business Award for Education and Training in 2018, they are working with the best in the industry including the Scottish Government, the Welsh Government and over 400 Schools throughout the UK. This client is at the forefront of the EdTech sector.

The business’s main product is a web-based platform delivering world class literacy and language resources designed to engage learners, support educators and involve parents.

The preferred candidate will be a Gaelic speaker (albeit others may apply), experienced administrator, have a keen eye for detail, understand the importance of customer service! The ideal candidate will be a clear verbal and written communicator in both English and in Gaelic. A UK driving license is preferred but not essential.

It would be hugely beneficial if you have experience within Education as an administrator, pupil support assistant or equivalent. Furthermore, excellent customer delivery skills are vital as you will be engaging with valued customers and partners whilst supporting them with their product, sales and finance queries. You will support the senior leadership, content and technology teams and have responsibility for managing customer enquiries, customer training calendar, overall office management including daily management of the help desk and engaging with suppliers and working through matters of compliance. You will also work directly with the Senior Leadership Team and supporting them with general administrative tasks in support of their work.

Offering the real living wage, a salary of £18,135 per year, this role is permanent, full time and preferably based in Kilmarnock, however, our client wants the best person for the job and will consider someone being remotely based. The role also attracts flexible working opportunities including home working and an enhanced company healthcare policy and 28 days paid holiday.

Candidates are invited to apply by sharing their CV and a Covering letter. Successful candidates will be taken-forward to an initial telephone interview followed by at least one face to face interview.

The expected start date for the role is August / September 2020.

Please email your CV to Hello@arenahr.co.uk

Please note the closing date for applications is Tuesday 4th August 2020 at 1700

If this sounds like an exciting opportunity, please get in touch now. We are waiting to hear from you!

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.