Support for Learning Worker (Gaelic Medium) x3

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glasgow
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £18,319.12 - £19,959.12 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35

Làrach-lìn / Website glasgowccGlasgow City Council

Tha pàirt cudromach aig an Obraiche Taic Ionnsachaidh taobh a-staigh àrainneachd thràth-bhliadhnaichean  an latha an-diugh, solarachadh taic agus cuideachadh do chlann aig a bheil feumalachdan taic a bharrachd  ag inntrigeadh a’ churraicealaim.

Tha na prìomh dhleastanasan is uallaichean a’ gabhail a-steach solar cùraim is taic do chlann agus a’ togail dhàimhean obrach deimhinneach agus ag adhartachadh deagh ghiùlain.

Tha an dreuchd cuideachd a’ gabhail a-steach a bhith a’ toirt taic ann an stiùireadh is riarachadh chungaidhean-leighis agus dlùth-chùraim pearsanta.

Feumaidh tagraichean a bhith fileanta sa Ghàidhlig gus ceadachadh dhaibh a bhith gu h-iomlan taobh a-staigh suidheachadh tràth-bhliadhnaichean tro mheadhan na Gàidhlig.

Feumaidh NC ann am Foghlam Tràth agus Cùram-chloinne aig Ìre 6 SCQF no SVQ ann an Seirbheisean Sòisealta (Clann agus Daoine Òga) aig Ìre 6 SCQF no co-ionann ris, a bhith aig tagraichean no deònach a ghabhail os làimh agus a bhith airidh air ballrachd de Chomhairle Sheirbheisean Sòisealta na h-Alba (SSSC) agus Sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònte (PVG).

Thoiribh an aire gum feum an tagraiche soirbheachail pàigheadh airson nan cosgaisean co-cheangailte ri Ballrachd/Sgrùdaidhean Sgeama PVG agus clàradh buidheann riaghlaidh.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.