Saor-thagraiche

  • Inntearnas / Internship
  • Dùn Èideann
  • Posted 4 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £0
  • Cùmhnant / Contract: Saor-thoileach
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website byleavesweliveLeabharlann Bàrdachd na h-Alba

toirt daoine is dàin le chèile

Aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba bidh sinn a’ gabhail suim mhòr ann an saor-thagraichean, a chuireas rudan luachmhor ri ar cuid soirbheachais is amasan.

Bidh saor-thagraichean a’ cumail taic ri ar cuid obrach, seach a bhith ri ath-sholarachadh dreuchdan ar luchd-obrach, agus tha sinne den bheachd gu bheil co-dhleastanas is agus co-dhealas rim faicinn san dàimh eadarainn.

Bidh saor-thagraichean anns sàs ann an gach seòrsa obrach an-seo. Gu seachd àraid, le taic aig saor-thagraichean, bidh sinn a’ cumail thachartasan tron t-seachdain agus an leabhrlann fhèin fosgailte gach Disathairne, taobh a-staigh ar n-uairean fosgailte ann an dòighean nach b’ urainn às an aonais. Am measg dreuchdan shaor-thagraichean bidh iad a’ cur air dòigh is a’ frithealladh bhàraichean aig tachartasan, a’ reic leabhraichean, a’ cleachdadh ar làraiche-lìn airson rian a chumail air tachartasan le gach seòrsa taice air an oidhche. Gach Disathairne, bidh saor-thagraichean a’ cur leabhraichean air na sgeilpichean, leubailean air na leabhraichean, a’ sgrioblachadh nan cruinneachaidhean, a’ cuideachadh le iarrtasan agus seirbheis don phoblach agus gheibh iad cothrom ar cuideachadh le pod-chraolaidhean LBA, cuideachd.

Chan eil àrainneachd nas fheàrr na th’ aig Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson eòlas a chur air an dòigh a bhios leabharlannan is buidhnean-ealain ag obrachadh, agus tha cothroman ann sgilean fhaotainn is a leasachadh, fhad ‘s a chruthaicheas sinn dàimhean ri coimhearsnachdan gus daoine is dàin a thoirt le chèile.

Ann an iomlaid ur cuid eòlais, dealais, sgilean is ùine, bheir sinn dhuibh cothrom ur cunntas-obrach a neartachadh, lìonraidhean a thogail is càirdeas a dhèanamh fhad ‘s a bhios sibh an sàs ann an tachartasan cruthachail. Bidh sinn an dùil gur e seo dàimh a sheallas an luach is am meas a chumas sinn eadarainn.

Bidh sinn a’ fastadh saor-thagraichean gu cunbhalach, a’ measadh co-fhreagairt an cuid sgilean is eòlais. Nach tig sibh an sàs leinn.

Cuiribh fios gu marcas@spl.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn.

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.scottishpoetrylibrary.org.uk →