Neach-trèanaidh Fo-thiotalair/Neach-cuideachaidh Iar-riochdachadh

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steòrnabhagh
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Ìre tòiseachaidh £21,500 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37.5

Tha MacTV a’ sireadh neach aigeantach a bhios dèidheil air a bhith ag ionnsachadh sgilean ùra gus taic a thoirt dhan obair riochdachaidh Tbh aig a’ chompanaidh. Gheibh an tagraiche soirbheachail an cothrom a bhith mar phàirt dhen sgioba againn a tha air leth cruthachail is fìor-eòlach air iar-riochdachadh. Gheibh an tagraiche trèanadh ann a bhith a’ riochdachadh fo-thiotalan phrògraman, agus anns na dreuchdan riochdachaidh eile a tha co-cheangailte ri a bhith a’ crìochnachadh agus a’ lìbhrigeadh prògram.

 

Iarrtasan

Fileantas sa Ghàidhlig
Deagh sgilean conaltraidh agus litreachais
Inntinn aigneach agus comas gus a bhith ag ionnsachadh sgilean ùra
Eòlas air leth ann an TF, le comas diofar shiostaman obrachadh
Mionaideachd san obair
Deagh sgilean rèiteachaidh
Tha an companaidh MacTV fo shealbh an luchd-obrach, agus tha an dreuchd seo stèidhichte ann an Steòrnabhagh. Tha an dreuchd sùbailte a thaobh obair san oifis no aig an taigh. Iarrtasan le C.V. ro Diluain 17mh An Ceitean 2021 gu info@mactv.co.uk

(ma tha sibh airson bruidhinn mun dreuchd, cuiribh fios gu seumas@mactv.co.uk no gu ann@mactv.co.uk )

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.