Preantas Ùr-nòsach – Ioma-mheadhain

  • Làn-thìde / Full-time
  • 56 Seaforth Road, Stornoway
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £15,982 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 18 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Is e cothrom inntinneach a tha seo airson cuideigin aig a bheil ùidh dealasach ann a bhith ag ionnsachadh a thighinn còmhla ris an sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Preantas Ùr-nòsach. Stèidhichte taobh a-staigh ar Roinn Obrachaidh, gheibh an neach-dreuchd eòlas obrach measgaichte air an t-sruth-obrach gu lèir airson prògraman craolaidh. Gheibh an neach-dreuchd trèanadh farsaing agus eòlas obrach thar nan roinnean agus cuiridh iad crìoch air Preantasachd Ùr-nòsach anns na Meadhanan Didseatach agus Cruthachail gu SVQ Ìre 7 rè teirm a’ chùmhnant aca.

Tha sinn a’ sireadh cuideigin a tha dealasach a bhith a’ leasachadh an cùrsa-beatha san roinn chruthachail ioma-mheadhain, le dòigh-obrach adhartach a thaobh obair, deagh sgilean conaltraidh agus eadar-phearsanta agus dìoghras airson ionnsachadh tro eòlas san àite-obrach.

Tha fileantachd ann an comas labhairt Gàidhlig riatanach agus thèid taic a thoirt seachad airson comas sgrìobhte ma tha feum air.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha uallach oirnn cuideachd airson FilmG, ann an co-obrachadh le Cànan Graphics Studio, agus thathas a’ lìbhrigeadh LearnGaelic ann an co-bhanntachd leis a’ BhBC, Bòrd na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus Bòrd na Ceiltis (Alba).

Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2019/20.

Càite bheil sinn?

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu agus bidh an dreuchd stèidhichte san oifis againn ann an Steòrnabhagh.

Rudan inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA

• Air ar n-ainmeachadh mar aon de na h-àiteachan-obrach craolaidh as fheàrr san RA ann an 2017, 2018, 2019 & 2020
• Creideas nar Cosnaichean agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
• Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
• Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon rud ris
• Tha sinn a’ tabhann ballrachd lann lùth-chleas gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
• Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich againn agus tha sinn a’ tairgse sgeama bileig cùram-chloinne

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca iarrtais-obrach gu h-ìosal

Gus tagradh a chur a-steach, cuiribh thugainn ur CV gu hr@mgalba.com agus innsibh dhuinn ann an litir dè tha gur brosnachadh agus carson a tha ùidh agaibh san obair agus airson a bhith ag obair do MG ALBA.

Faodaidh sibh ceistean neo-fhoirmeil a chur gu Claire Nicleòid air hr@mgalba.com. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh airson còmhradh dìomhair agus neo-fhoirmeil a chur air dòigh.

Ceann-là airson tagraidhean – Diardaoin 29 Dàmhair, 12f
Agallamhan – air Zoom, Diardaoin 5 Samhain 2020

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

modern apprentice job desc 081020 gd.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.