Preantas Ùr-nòsach: Neach-taic Margaidheachd Didseatach

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glaschu no Steòrnabhagh
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £21,588-23,277
  • Cùmhnant / Contract: Teirm-shuidhichte (2 bhliadhna) le ùine dearbhaidh soirbheachail 6 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Mar Phreantas Ùr-nòsach: Neach-taic Margaidheachd Didseatach, bidh sibh nur pàirt riatanach den sgioba margaidheachd againn, a’ faighinn eòlas ann an diofar thaobhan de mhargaidheachd didseatach.

Bheir sibh taic do ar n-oidhirpean gus faicsinneachd brannd àrdachadh agus ar luchd-amhairc targaidte a thoirt a-steach thar ùrlaran didseatach.

Tha cothroman trèanaidh is leasachaidh air an toirt seachad gus dèanamh cinnteach gun urrainn don neach-dreuchd comas a nochdadh thar raon dhleastanasan na roinne.

Airson a bhith soirbheachail san dreuchd seo, bu chòir do thagraichean beus obrach làidir, dòigh-obrach for-ghnìomhach agus dòigh-obrach dèanadach a nochdadh. Tha sealladh dèanadach, inntinn co-obrachail, agus dìoghras airson margaidheachd didseatach cuideachd deatamach airson cur ri soirbheachas na sgioba. Bidh thu for-ghnìomhach agus toilichte a bhith ag obair aig amannan gun stiùireadh a’ coileanadh thargaidean is cinn-ama aontaichte.

Amasan

  • Obraich còmhla ris na sgiobaidhean margaidheachd agus didseatach gus
    dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coinneachadh ri feumalachdan a’
    bhrannd margaidheachd agus gu  bheilear a’ crìochnachadh a h-uile
    pròiseact ann an àm agus a rèir buidseit
  • Meudaich èifeachd taobh a-staigh sgiobaidhean didseatach, margaidheachd agus conaltraidh
  • Leasaich na tha MG ALBA a’ tabhann a thaobh margaidheachd didseatach
  • Dèan cinnteach gu bheil gnìomhan rianachd gu cunbhalach ùraichte don
    sgioba didseatach agus margaidheachd
  • Crìoch a chur air an Sgeama Preantasachd Ùr-nòsach taobh a-staigh clàrama sònraichte aontaichte

Prìomh Thoraidhean

  • Meudachadh èifeachdais taobh a-staigh sgiobaidhean margaidheachd,
    conaltraidh agus didseatach
  • Toradh margaidheachd ùineail, ceart, a rèir plana margaidheachd
  • Cur ri iomairtean margaidheachd didseatach soirbheachail airson
    branndaichean MG ALBA
    Prìomh Ghnìomhan
  • Cuidich sgiobaidhean le lìbhrigeadh phròiseactan margaidheachd mòra, a’
    gabhail a-steach gnìomhan rannsachaidh, planadh, clàradh, conaltradh astaigh & lèirmheasan cunbhalach
  • Co-òrdanachadh obair-ealain agus cùm mìosachain ùraichte
  • Dreach fiosrachadh airson dealbhan, obair-ealain agus cruthachadh
    susbaint
  • Dèan cinnteach gu bheil smachd agus ùrachadh ga dhèanamh air stuthan
    (bathar) margaidheachd
  • Cumail eòlas air prìomh ghluasadan agus innleachdan gnìomhachais gus
    aithris air ais don sgioba
  • Taic rianachd coitcheann
  • Rannsaich dòighean cruthachail gus branndaichean MG ALBA a bhrosnachadh thar ùrlaran didseatach
  • Cuir ri beachdan airson iomairtean margaidheachd agus susbaint
    didseatach.
  •  Comharraich dòighean sgiobalta airson fiosrachadh a chlàradh agus a choroinn thar sgiobaidhean
  • Leasaich sgilean margaidheachd didseatach tro ionnsachadh
    leantainneach
  • Freagairt ri ceistean làitheil bhon ph-dealain “conaltradh”, a’ toirt cùisean
    gu aire dhaoine eile nuair a bhios sin iomchaidh
  • Cur ri gnìomhachd meadhanan sòisealta, far a bheil feum air
  • Cruthaich clàran-gnothaich choinneamhan agus notaichean bho
    choinneamhan
  • Taic le tagraidhean airson dhuaisean
  • Sùbailteachd a bhith ag obair agus a bhith an làthair aig tachartasan
    margaidheachd agus gnìomhachd

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.