Obraichean Samhraidh

  • Inntearnas / Internship
  • Seaforth Road, Stornoway
  • Posted 10 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: ?
  • Cùmhnant / Contract: Variable
  • Uairean san seachdain / Hours per week: Làn-ùine / Full-time
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha MG ALBA a’ sireadh dhaoine airson taic a thoirt le na h-obraichean a leanas:

1. Obair pàipeir co-cheangailte ri prògraman, a bhith a’ cur fiosrachadh mu phrògraman a-steach do shiostam choimpiutair agus taic le obair rianachd.

2. Obair a’ cuideachadh luchd-teicnigeach an stiùidio.

Chan eil eòlas-obrach riatanach ach bhiodh sgilean coimpiutair feumail.
Tha comas a bhith ag obair mar phàirt de sgioba, ach cuideachd nur n-aonar, riatanach.

Tha comas sa Ghàidhlig riatanach.

Bidh fad na h-obrach stèidhichte air dè cho fad ’s a tha an tagraiche ri fhaighinn / dè an obair a tha ri dhèanamh.

Ma tha ùidh agaibh ann an fhear seach fear de na h-obraichean, cuiribh ur CV agus bhidio goirid ann an Gàidhlig, eadar 1-3 mionaidean a dh’fhaid, a’ mìneachadh na h-adhbharan airson a bhith ag iarraidh an cothrom seo gu ruige Maggie Taylor aig maggie.taylor@mgalba.com. Faodaidh sibh fòn a chur thuice air 01851 705550 le ceistean sam bith.

Bidh an obair stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.