Cathraiche

  • Làn-ùine / Full-time
  • Steornabhagh
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £11,460
  • Cùmhnant / Contract: 4 bliadhna
  • August 31, 2018

An dreuchd

Cho math ri bhith mar chathraiche agus a’ stiùireadh bòrd MG ALBA, tha ìomhaigh làidir an lùib na dreuchd a tha a’ ciallachadh gum feumar dol an sàs mòr le feadhainn aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus ann an craoladh, a’ gabhail a-steach riochdairean air an taghadh agus ministearan ann an Riaghaltasan na h-Alba agus na RA.

Bidh comas coimeirsealta agus poilitigeach aig an neach, agus bhiodh ùidh no tuigse air poileasaidh craolaidh agus reachdas mheadhanan feumail. Bidh iad cofhurtail le àrainnean a tha a’ gluasad gu luath, le teicneòlas de dh’àrd-chàileachd agus a’ tuigsinn an luchd-amais agus ùidh luchd-dèilig anns na suidhichidhean sin.

Sònrachadh Pearsa

Bithear a’ sùileachadh gun coilean an tagraiche na slatan-tomhais a leanas:

  • Tuigse air cùisean a tha a’ toirt buaidh air a’ Ghàidhlig is air craoladh;
  • Mothachadh air a’ cho-fharpais agus daidhnamaig an luchd-dèilig ann an earrann a tha a’ sìor ghluasad;
  • Breithneachadh agus co-dhùnaidhean earbsach gus dèanamh cinnteach à coileanadh soirbheachail ann an suidheachadh iom-fhillte;
  • Tuigse air a dheagh leasachadh mu chunntasachd agus sgrùdadh air buidhnean a tha air am maoineachadh gu poblach;
  • Eòlas air a bhith mar chathraiche no ann an suidheachadh ceannardais air buidheann corporra co-ionann agus a’ brosnachadh co-obrachadh taobh a-staigh agus eadar bhuidhnean;
  • Ag obair mar sgioba le co-obraichean neo-ghnìomhach agus gnìomhach;
  • Treibhdhireas pearsanta de dh’àrd ìre agus comas comharrachadh a bhith às aonais strì sam bith bho ùidhean coimeirsealta no poilitigeach.

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://jobs-ofcom.icims.com →