Mar an Leas-Choimiseanair againn bidh sibh nur neach-rèiteachaidh agus nur neach conaltraidh làidir. Tha an dreuchd seo na pàirt bhunaiteach de sgioba coimiseanadh susbaint BBC ALBA agus obraichidh i thairis air an dà chuid susbaint loidhneach agus neo-loidhneach.
Is e cothrom air leth inntinneach a tha seo a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean
coimiseanadh susbaint agus a’ riaghladh pasgan de choimiseanan susbaint a tha gu sònraichte ag amas air luchd-amhairc fo aois 35 anns na gnèithean fìrinneach is cur-seachad fìrinneach.
Tha an dreuchd a’ gabhail a-steach a bhith a’ fiosrachadh ro-innleachd susbaint gus dèanamh cinnteach gum bi stuthan ann de shusbaint coimiseanaichte, ceannaichte agus ceadaichte gus taic a thoirt do phrìomhachasan foillseachaidh BBC ALBA agus aig an aon àm a bhith a’ toirt taic do sholarachaidh susbaint seasmhach, rud a leudaicheas ruigsinneachd, dìlseachd an
luchd-amhairc agus am measgachadh de shusbaint a bhios ri fhaotainn air ùrlaran BBC ALBA, a’ gabhail a-steach BBC iPlayer agus YouTube BBC ALBA.
Bhiodh sibh a’ tighinn gu buidheann aig fìor aghaidh solar nam meadhanan Gàidhlig, a’ cumadh agus a’ daingneachadh ar tabhartasan san àm ri teachd.
Gus a bhith soirbheachail san dreuchd seo, bidh eòlas agaibh ann an riochdachadh susbaint no coimiseanadh – faodaidh seo a bhith bho ghnìomhachas co-cheangailte. Bidh sibh nur neachrèiteachaidh làidir agus bidh eòlas follaiseach agaibh air na soirbheasan a rinn sibh roimhe.
Bidh sealladh adhartach is comasach agaibh a tha comasach air dùbhlain a tha an aghaidh a chèile a làimhseachadh.
Còmhla ri tuarastal tarraingeach, bidh cothrom agad cuideachd air raon de shochairean, a’ gabhail a-steach:
• Sgeama peinnsein – 10% tabhartas bhon chompanaidh, 5% a bharrachd ma thèid a
mhaidseadh
• 31 làithean-saora bliadhnail agus 6 làithean-poblach
• Cothroman ballrachd gym
• Cleachdaidhean obrach sùbailte agus càirdeil do theaghlaichean
• Sgeama Rothaireachd gu Obair
• Ag obair airson fastaiche a fhuair aithne mar Investors in People (Platinum), We Invest in Wellbeing (Òr) agus Investors in Young People (Òr).
• Taic gluasaid ri fhaighinn, far a bheilear a’ coinneachadh ri slatan-tomhais
Ceann-latha dùnaidh airson tagraichean – Dihaoine 26 Iuchar 2024, cha ghabhar ri tagraichean fadalach.
Stiùireadh airson Tagradh:
Feuch an cuir sibh ur CB agus litir chòmhdachaidh gu laura.rennie@mgalba.com a’ mìneachadh carson a bu chòir beachdachadh oirbh agus ur tuigse air mar as urrainn dhuibh an
dreuchd a choileanadh gu soirbheachail, a’ toirt seachad eachdraidh dhearbhte de dh’eòlas anns na prìomh raointean a tha a dhìth oirnn.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.