Obraiche Shealbhan nam Meadhanan | Media Asset Technician

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steòrnabhagh | Stornoway
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £26,317
  • Cùmhnant / Contract: 2 bhliadhna | 2 years
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Mar Obraiche Shealbhan nam Meadhanan aig MG ALBA, bidh thu ag aithris don Mhanaidsear So-mhaoin Dhidseatach agus ag obair còmhla ris and Sgioba Foillseachaidh agus an Sgioba Didseatach. Bhiodh tu cunntachail airson maoin mheadhanan MG ALBA thar gach ùrlar. Tha cothroman trèanaidh is leasachaidh air an toirt seachad gus dèanamh cinnteach gun urrainn don neach-dreuchd comas a nochdadh thar raon dhleastanasan na sgioba.

Airson a bhith soirbheachail san dreuchd seo, feumaidh tu a bhith dèidheil air ionnsachadh agus ùidh a bhith agad ann an riochdachadh telebhisein. Cha leig thu leas a bhith mar neach a tha làn-chomasach oir gheibh thu trèanadh agus leasachadh oir bheir sinn dhut taic le sin.

Bidh thu for-ghnìomhach agus toilichte a bhith ag obair aig amannan gun stiùireadh a’ coileanadh thargaidean is cinn-ama aontaichte.

Còmhla ri tuarastal tarraingeach, bidh cothrom agad cuideachd air raon de shochairean, a’ gabhail a-steach:

• Sgeama peinnsein – 10% tabhartas bhon chompanaidh, 5% a bharrachd ma thèid a mhaidseadh
• 31 làithean-saora bliadhnail agus 6 làithean-poblach
• Cothroman ballrachd gym
• Cleachdaidhean obrach sùbailte agus càirdeil do theaghlaichean
• Sgeama Rothaireachd gu Obair
• Ag obair airson fastaiche a fhuair aithne mar Investors in People (Platinum), We Invest in Wellbeing (Òr) agus Investors in Young People (Òr).
• Taic gluasaid ri fhaighinn, far a bheilear a’ coinneachadh ri slatan-tomhais

Ceann-latha dùnaidh airson tagraichean – Dihaoine 12 Iuchar 2024, cha ghabhar ri tagraichean fadalach.

Feuch an cuir thu do CB agus litir-chòmhdachaidh gu laura.rennie@mgalba.com a’ mìneachadh carson a bu chòir beachdachadh ort agus do thuigse air mar as urrainn dhut an dreuchd a choileanadh gu soirbheachail.

Obraiche Shealbhan nam Meadhanan

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.