Ro-Innleachdaiche Susbaint Didseatach | Digital Content Strategist

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steòrnabhagh | Stornoway
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £39,752 - £43,090
  • Cùmhnant / Contract: 2 bhliadhna | 2 years
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Mar an Ro-innleachdaiche Susbaint Didseatach againn, bidh thu a’ riaghladh agus a’ stiùireadh an Sgioba Susbaint Didseatach, ag aithris do Cheannard Cruth-Atharrachadh Didseatach. Obraichidh tu còmhla ri sgioba MG ALBA nas fharsainge agus na Sgiobaidhean Susbaint, Margaidheachd, Conaltradh agus Cruthachail.

Bidh thu cunntachail airson am planadh susbaint, ro-innleachd agus goireasan aig MG ALBA thar gach ùrlar didseatach, a’ dèanamh cinnteach à lìbhrigeadh agus foillseachadh cunbhalach de so-mhaoin didseatach. Cleachdaidh tu cuideachd lèirsinn dàta luchd-amais agus gluasadan luchd-amais gus toraidhean didseatach a leasachadh agus gus clàran susbaint a dhealbhadh thairis air meadhanan sòisealta BBC ALBA, YouTube agus riochdachadh loidhneach.

Gus a bhith soirbheachail san dreuchd seo, feumaidh tu na h-amasan agad a choileanadh tro cho-obrachadh, a’ stiùireadh an sgioba chruthachail agus goireasan a-staigh agus a-muigh gus riochdachadh èifeachdach de mhaoin didseatach a cheadachadh. Feumaidh tu a bhith fèinbhrosnachail agus a bhith nad neach-smaoineachaidh for-ghnìomhach.

Bidh dòigh-smaointinn fàis agad a tha a’ coimhead air dòighean èifeachdach is cruthachail gus an dreuchd a choileanadh agus dèanamh cinnteach gu bheil an sgioba agad a’ faighinn làn thaic gus an dreuchd aca a choileanadh cho math ’s as urrainn dhaibh.

Còmhla ri tuarastal tarraingeach, bidh cothrom agad cuideachd air raon de shochairean, a’ gabhail a-steach:

• Sgeama peinnsein – 10% tabhartas bhon chompanaidh, 5% a bharrachd ma thèid a mhaidseadh
• 31 làithean-saora bliadhnail agus 6 làithean-poblach
• Cothroman ballrachd gym
• Cleachdaidhean obrach sùbailte agus càirdeil do theaghlaichean
• Sgeama Rothaireachd gu Obair
• Ag obair airson fastaiche a fhuair aithne mar Investors in People (Platinum), We Invest in Wellbeing (Òr) agus Investors in Young People (Òr).
• Taic gluasaid ri fhaighinn, far a bheilear a’ coinneachadh ri slatan-tomhais

Ceann-latha dùnaidh airson tagraichean – Dihaoine 19 Iuchar 2024, cha ghabhar ri tagraichean fadalach.

Feuch an cuir thu do CB agus litir-chòmhdachaidh gu laura.rennie@mgalba.com a’ mìneachadh carson a bu chòir beachdachadh ort agus do thuigse air mar as urrainn dhut an dreuchd a choileanadh gu soirbheachail.

Ro-Innleachdaiche Susbaint Didseatach 

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.