Stiùiriche Compàirteachais & Leasachaidh  | Director of Partnership & Development

  • Làn-thìde / Full-time
  • Steòrnabhagh | Stornoway
  • Posted 3 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: A rèir eòlas | Commensurate with experience
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach | Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Mar ar Stiùiriche Compàirteachais & Leasachaidh bidh thu nad neach-smaoineachaidh roinnleachdail agus nad neach-nuadhachaidh fàis. Ag obair gu dlùth leis an Àrd-Oifigear agus prìomh luchd-ùidhe eile cuidichidh tu le bhith a’ dèanamh cinnteach à seasmhachd ionmhasail MG ALBA tro iomadachadh teachd-a-steach, togail comais agus conaltradh le luchd-ùidh.

Bhiodh tu a’ tighinn gu buidheann aig fìor aghaidh solar nam meadhanan Gàidhlig, a’ cumadh agus a’ daingneachadh ar tabhartasan san àm ri teachd.

Mu dheidhinn na dreuchd

• Leasaich agus cuir an gnìomh ro-innleachd fàs gnìomhachais agus com-pàirteachais ann an co-obrachadh leis an Àrd-Oifigear.
• Cleachdadh modaileadh ionmhais, mion-sgrùdadh farpaiseach, agus molaidhean ùrghnàthach gus sruthan teachd-a-steach seasmhach a dhaingneachadh agus fhàs.
• Tog comas co-rèiteachaidh na buidhne.

Gus a bhith soirbheachail san dreuchd seo, bidh eòlas farsaing agad ann an leasachadh gnìomhachais àrd-ìre. Chan fheum thu a bhith nad eòlaiche air na meadhanan cruthachail ach bheir thu beairteas de dh’eòlas agus de shealladh a tha a’ freagairt air feumalachdan na roinne againn.

Bidh thu èasgaidh agus comasach air cùrsa a stiùireadh gu furasta tro dhiofar dhùbhlain. Bidh feum agad air sgilean conaltraidh agus taisbeanaidh air leth, a bharrachd air ìrean àrda de chomas ionmhais, gus an urrainn dhut com-pàirteachasan maireannach a chruthachadh. Agus
bidh thu cleachdte ri bhith a’ riaghladh bhuidseatan gun strì agus a’ cleachdadh meatraigs dèanadais gus molaidhean a chur mu choinneimh co-dhùnaidhean ro-innleachdail.

Còmhla ri tuarastal tarraingeach, bidh cothrom agad cuideachd air raon de shochairean, a’ gabhail a-steach:

• Sgeama peinnsein – 10% tabhartas bhon chompanaidh, 5% a bharrachd ma thèid a mhaidseadh
• 31 làithean-saora bliadhnail agus 6 làithean-poblach
• Cothroman ballrachd gym
• Cleachdaidhean obrach sùbailte agus càirdeil do theaghlaichean
• Sgeama Rothaireachd gu Obair
• Ag obair airson fastaiche a fhuair aithne mar Investors in People (Platinum), We Invest in Wellbeing (Òr) agus Investors in Young People (Òr).
• Taic gluasaid ri fhaighinn, far a bheilear a’ coinneachadh ri slatan-tomhais

Ceann-latha dùnaidh airson tagraichean – Dihaoine 12 Iuchar 2024, cha ghabhar ri tagraichean fadalach.

Agallamhan

– Seachdain a’ tòiseachadh 22 Iuchar 2024: ciad agallamh air-loidhne
– Eadar 29 Iuchar & 9 Lùnastal: Gnìomhan Measaidh
– Seachdain a’ tòiseachadh 19 Lùnastal 2024: dàrna agallamh in-pearsa

Feuch an cuir thu do CB agus litir-chòmhdachaidh gu laura.rennie@mgalba.com a’ mìneachadh carson a bu chòir beachdachadh ort agus do thuigse air mar as urrainn dhut an dreuchd a choileanadh gu soirbheachail, a’ toirt seachad eachdraidh dhearbhte de dh’eòlas anns na prìomh raointean a tha a dhìth oirnn.

Stiùiriche Compàirteachais & Leasachaidh  

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.