Foghlainneach Mheadhanan Didseatach

  • Làn-thìde / Full-time
  • Stornoway
  • Posted 4 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £18,013-£19,702
  • Cùmhnant / Contract: 2 Bhliadhna
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Na bhuannachd / Desirable

Làrach-lìn / Website mgalbaMG ALBA

Gàidhlig tro na meadhanan, anns gach àite, airson gach neach

Làn-thìde (37 uairean gach seachdain), cùmhnant teirm-shuidhichte 2 bhliadhna, stèidhichte ann an oifis Steòrnabhaigh

Ìre A, £18,013 – £19,702 gach bliadhna, a’ gabhail a-steach solar peinnsein & ballrachd gym

Is e cothrom inntinneach a tha seo do chuideigin dealasach a bhith mar phàirt den sgioba aig MG ALBA ann an dreuchd Foghlainneach Mheadhanan Didseatach. Stèidhichte taobh a-staigh ar Roinn Obrachaidh, gheibh an neach eòlas obrach farsaing air an sruth-obrach gu lèir airson craoladh agus prògraman ioma-ùrlair. Gheibh an neach cuideachd trèanadh farsaing agus eòlas obrach thar nan roinnean.

Ma tha ùidh agad anns an roinn chruthachail ioma-mheadhain agus ma tha thu math air a bhith ag obair ann an sgioba, air do bhrosnachadh agus deònach ionnsachadh agus airson a bhith mar phàirt de sgioba thrang a tha a’ sìor fhàs, bu mhath leinn cluinntinn bhuat. Gheibh thu làn thaic le plana trèanaidh coileanta agus leasachadh pearsanta is proifeasanta rè ùine a’ chùmhnaint.

Cò sinn?

Tha MG ALBA (Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig) a’ ruith na seanail Ghàidhlig BBC ALBA ann an com-pàirteachas leis a’ BhBC. Tha fiosrachadh cudromach mu ar n-amasan agus ar toraidhean airson na bliadhna seo ri fhaighinn nar Plana Obrachaidh 2020/21.

Càite bheil sinn?

Tha oifisean againn ann an Steòrnabhagh agus Glaschu. Bidh an dreuchd stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Nithean inntinneach eile mu bhith ag obair aig MG ALBA:

  • Air ar n-ainmeachadh air liosta Broadcast Best Places to Work in TV airson 5 bliadhna an dèidh a chèile
  • Creideas nar Cosnaichean (Platinum) agus Creideas nar Cosnaichean Òga (Òr)
  • Tha sinn a’ tabhann 25 làithean-saora + 12 làithean-saora poblach
  • Tha sinn a’ pàigheadh 10% gu sgeama peinnsein, le 5% a bharrachd a’ dol ann ma chuireas tu fhèin an t-aon sùim ris
  • Tha sinn a’ tabhann ballrachd gym gus dòigh-beatha fhallain a bhrosnachadh
  • Tha dòighean-obrach càirdeil teaghlaich & sùbailte againn agus tha sinn a’ tabhann sgeama rothaireachd

Ùidh agaibh? Na h-ath cheumannan

Faicibh am paca-iarrtais-obrach.

Gus tagradh a dhèanamh, feuch an cuir thu a-steach litir còmhdaich agus do CV a’ toirt mion-fhiosrachadh air do sgilean, eòlas agus comasan, a’ toirt aire shònraichte don t-Sònrachadh Pearsa. Tha sinn a’ cur fàilte air a bhith a’ cluinntinn mu do chomas agus eòlas bho gach cuid dreuchdan fastaichte agus saor-thoileach. Ma tha thu airson conaltradh neo-fhoirmeil mun dreuchd agus an cothrom a tha na chois, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR air hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh cothrom còmhraidh aig àm a tha freagarrach dhan dithis agaibh.

Bu chòir tagraidhean foirmeil a chur a-steach ro 12f Dihaoine 26 Samhain 2021 gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR aig hr@mgalba.com. Gus tagradh a dhèanamh, feuch gun cuir thu a-steach an CV agad agus leig fios thugainn le litir dè a tha gad bhrosnachadh agus inntinneach dhut mun dreuchd agus mu bhith ag obair do MG ALBA.

Ma tha thu ag iarraidh còmhradh neo-fhoirmeil mun obair agus mun chothrom, cuir fios gu Claire NicLeòid, Comhairliche HR, aig hr@mgalba.com agus cuiridh sinn air dòigh àm freagarrach airson còmhradh.

Cuiridh sinn thugad dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad ro Diluain 29 Samhain 2021.

Thèid agallamhan an cumail Diluain 6 Dùbhlachd 2021 tro Teams.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.