Intèarnach Phrògraman Gàidhlig

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £20,945 pro-rata
  • Cùmhnant / Contract: Six months
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website National Library of Scotland

Scotland's largest library with extensive Gaelic collections.

Intèarnach Phrògraman Gàidhlig

Tha dùil gum bi an t-inteàrnach ag obair aig astar le taic chunbhalach air-loidhne bhon Leabhar-lann agus a’ tadhal corra uair air togalaichean an Leabhar-lainn.

Adhbhar na h-obrach

’S e adhbhar an intèarnais seo taic a thoirt do sgioba nam Prògraman Poblach airson cuideachadh le leasachadh a dhèanamh air na tha de phrògraman Gàidhlig air an tairgsinn leinn. Le Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba ann an 2022 a’ tighinn dlùth, nì an t-intèarnach seo   rannsachadh a chuidicheas le stòrasan agus eòlaichean a lorg a leigeas leis an Leabharlann prògram Gàidhlig poblach nas làidire agus nas seasmhaich a leasachadh, ag àrdachadh ar n-ìomhaigh taobh a-staigh na coimhearsnachd Ghàidhlig.

Cuideachd bheir e do neach a tha a’ gluasad bho fhoghlam gu cosnadh cothrom eòlas practaigeach fhaighinn agus na sgilean aca a leasachadh no sgilean ùra ionnsachadh, ga dhèanamh nas fhasa dhaibh cosnadh fhaighinn. Ann a bhith a’ dèanamh seo faodaidh an t-intèarnach cur ri pròiseactan san Leabharlann, ag obair le stiùireadh agus comhairle neach-obrach. Bidh an obair a nì intèarnach daonnan a bharrachd air obair àbhaisteach an Leabharlainn.

Thairis air raon de chruthan tha cruinneachaidhean Gàidhlig barraichte aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba agus bidh an Leabharlann a’ lìbhrigeadh ghoireasan didseatach, thachartasan agus phrògraman ann an Gàidhlig.  Bu mhath leinn togail air seo le bhith a’ faighinn tuigse nas fheàrr air ar luchd-cleachdaidh Gàidhlig, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, agus le dòighean a lorg anns am bi ar prògraman poblach a’ cur ri com-pàirteachas buntainneach agus brìoghmhor le ar cruinneachaidhean Gàidhlig. A’ togail air Plana Gàidhlig an Leabharlainn tha sinn am beachd leudachadh ar solar thairis air taisbeanaidhean, goireasan didseatach, tachartasan agus eile thairis air na bliadhnaichean ri teachd. Leis an fhèill chruinneil a tha air ionnsachadh didseatach Gàidhlig tro ùrlairean mar Duolingo, leasaichidh sinn dòighean air ar goireasan Gàidhlig a thairgsinn do choimhearsnachdan ann an Alba agus thall thairis. Tha sinn a’ sireadh intèarnach a chuidicheas sinn le na h-amasan sin tro bhith ag obair còmhla ri sgioba nam prògraman poblach airson dòighean-obrach seasmhach a thaobh ar prògraman Gaidhlig san Leabharlann aithneachadh, a mheudachadh agus a chur air adhart.

Dleastanasan, Gnìomhan agus Uallaichean:

’S iad seo prìomh dhleastanasan an intèarnaich:

·       Obrachadh còmhla ris an neach-stiùiridh aca gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ tuigsinn dè thathar a’ dùileachadh bhuapa fhad ’s a tha iad nan ìntèarnach agus gun urrainn dhaibh na fiughairean sin a choileanadh.

·       An ionnsachadh aisig bho co-theacsa foghlaim gu co-theacsa practaigeach an Leabharlainn.

·       Ionnsachadh mar a chuireas iad crìoch air pròiseactan/gnìomhan ann an deagh àm agus mar a nì iad aithris èifeachdach mun deidhinn.

·       Co-obrachadh agus obrachadh gu h-èifeachdach ann an àrainneachd sgioba.

·       Na poileasaidhean agus na riaghailtean a tha a’ riaghladh obair an Leabharlainn a leantainn.

Thèid obair a riaghladh gu gach intèarnach a rèir fad an intèarnais aca agus feumalachdan na roinne anns a bheil iad stèidhichte. Bidh obair daonnan co-chòrdail ri na prìomh amasan agus dleastanasan a tha air am mìneachadh gu h-àrd.

Sònrachas neach

’S e cothroman pàighte a tha ann an intèarnasan, far am faigh daoine eòlas air obair a tha a’ freagairt air cùrsa foghlaim mar a’ chiad cheum a dh’ionnsaigh leasachadh dreuchd. Thèid intèarnaich a thaghadh a rèir na tha iad comasach air a bhith, seach fianais bho chothrom obrach sam bith eile. Tha comas san àm ri teachd nas coltaiche a bhith air a thaisbeanadh anns an ùidh agus an dealas a tha air a nochdadh tro ghnìomhachdan agus euchdan taobh a-muigh obair phàighte.

Deagh-ghnè Pearsanta

·       Gnìomh: measail air a bhith a’ toirt air rudan tachairt – a’ nochdadh tionnsgnadh agus acras airson eòlas fhaighinn;

·       Comhair ionnsachaidh: a’ lorg chothroman airson ionnsachadh a chur an gnìomh agus dioghrasach a thaobh fàs nas fheàrr air na tha iad a’ dèanamh;

·       Fulangachd: a tha dìoghrasach agus sùbailte nuair a dh’fheumas iad dèiligeadh ri duilgheadasan agus tillidhean;

·       Luachan air thoiseach; a tha ag obair gu cruaidh agus a’ co-obrachadh le spèis le càch airson amasan coitcheann a choileanadh

Sgilean, comasan agus eòlas:

·       Comas Gàidhlig a sgrìobhadh agus a labhairt aig àrd ìre

·       Deagh chuid de dh’eòlas buntainneach a thaobh cànan is cultar Gàidhlig agus eòlas air a bhith ag obair le bun-thùsan

·       Sgilean didseatach agus sgilean a thaobh nam meadhanan m.e. gearradh bhidiothan, meadhanan sòisealta

·       Tuigse air cho cudromach ’s a tha eòlas practaigeach a thaobh aisig gu margaid a’ chosnaidh

·       Sgilean iomchaidh airson àite-obrach sam bith m.e conaltradh, obair sgioba agus sùbailteachd

·       Litearrachd, àireamhachd agus sgilean IT aig ìre a tha freagarrach airson obair oifig bunaiteach.

Eòlas

Mar as trice bidh intèarnach ag obair a dh’ionnsaigh no air crìoch a chur bho chionn ghoirid air prògram foghlaim aig ionad foghlaim àrd-ìre no adhartach.

Bidh e coltach gum bi intèarnaich air an ùidh agus an dealas airson cuspair no raon gnìomh buntainneach a nochdadh cheana, tro an tionnsgnadh fhèin agus an oidhirpean taobh a-muigh obair phàighte.

Bidh an intèarnas air a dhealbh airson daoine aig nach eil, no aig nach eil ach glè bheag, de dh’èòlas air obair agus thèid taic a chumail riutha air a’ bhunait seo.

Tuilleadh Fiosrachaidh.

Chan e buill de luchd-obrach an Leabharlainn a tha ann an intèarnaich agus tha iad air am fastadh mar obraichean tro bhuidheann fastaidh. Feumaidh an tagraiche soirbheachail clàradh le buidheann fastaidh ainmichte agus gheibh iad taic airson seo a dhèanamh bho luchd-obrach a’ Leabharlainn.

Bu chòir iarrtasan a chur thugainn tron làraich fastaidh againn:  https://www.nls.engageats.co.uk/

Tha e air iarraidh air tagraichean aithisg a sgrìobhadh ag innse mar a tha iad a’ freagairt air an Sònrachas Neach, a’ dearbhadh na bhiodh iad comasach air a dhèanamh le innse mu euchdan ann an raointean eile dem beatha.

Thoir an aire ma tha tòrr eòlais obrach agad cheana, a tha nar beachd-ne brìgheil agus buntainneach don obair, cha bhi e coltach gu faigh thu cuireadh gu agallamh. ’S e amas an intèarnais eòlas a thoirt do neach aig nach eil e an-dràsta.

Modhan Taghaidh: 

Thèid na daoine as fheàrr a tha a’ freagairt air na bun-thomhasan taghaidh stèidhichte air an tuairisgeul obrach agus an sònrachas neach, agus a tha ga dhearbhadh anns an aithisg sgrìobhte aca, a thaghadh airson agallamh.

Thoir an aire mas e ur toil e gu feum an tagraiche soirbheachail teisteanas Basic Disclosure Scotland fhaotainn.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Gaelic Programming Intern JD.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.