Leas-neach-glèidhidh (TBh Gàidhlig)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Glasgow
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £30,057 per annum
  • Cùmhnant / Contract: 3 months
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37

Làrach-lìn / Website National Library of Scotland

Leas-neach-glèidhidh (TBh Gàidhlig)
Làn-ùine (3 mìosan)
Tuarastal £30,057 sa bhliadhna (Bann F)

 

Is e an Leabharlann Nàiseanta tasglann dealbhan gluasadach na h-Alba, le cruinneachaidhean susbainteach a tha stèidhichte air còrr is dà fhichead bliadhna de bhith a’ cruinneachadh film, bhideo agus clàraidhean didseatach. Tha cruinneachaidhean susbainteach de chlàraidhean fuaime de dh’fhaclan labhairteach, fuaim agus ceòl, agus tha e a’ stiùireadh roinn na fuaime tro iomairt Scotland’s Sound.

 

Bidh an dreuchd teirm-stèidhichte 3 mìosan, làn-ùine seo stèidhichte ann an roinn nan Cruinneachadh Dealbhan Gluasadach agus Fuaime agus suidhichte ann an Talla a’ Cheilbhin, is dòcha le cothrom a bhith a’ dèanamh cuid den obair bhon taigh. Tha sinn a-nis a’ sireadh Leas-neach-glèidhidh airson an sgioba againn ann an Talla a’ Cheilbhin gus cruinneachaidhean a fhuair an Leabharlann Nàiseanta fo shreath de rèiteachaidhean làithreach is leantainneach a phròiseasadh – gu sònraichte cruinneachaidhean craolaidh Gàidhlig aig MG ALBA a tha a’ dol air ais do na 1990an. Tha seo a’ ciallachadh gun gabh a h-uile cruinneachadh de thelebhisean Gàidhlig a lorg air-loidhne airson a’ chiad turais tron chatalog air-loidhne.

 

Bidh an tagraiche freagarrach air eòlas fhaighinn air obair glèidhidh no a leithid ann an tasglann, leabharlann no buidheann coltach ris agus bidh fìor dhealas aige/aice airson dealbhan gluasadach agus dualchas cultarail na h-Alba san latha an-diugh. Tha sàr sgilean IT, gu sònraichte riaghladh meata-dàta ann an stòran-dàta agus cliath-dhuilleagan, còmhla ri tuigse air siostaman leabharlainn agus leasachaidhean leabharlann didseatach nam prìomh riatanasan airson na dreuchd seo.

 

Bidh fìor dheagh sgilean conaltraidh labhairteach agus sgrìobhte agad agus bidh e comasach dhut ioma-shaothrachadh a dhèanamh agus obair a dhèanamh airson cinn-latha sònraichte, a bharrachd air a bhith a’ cumail na sùbailteachd a dh’fheumar gus freagairt ri iarrtasan ùra. Bidh dealas agad a thaobh pongalachd a thaobh obair cataloig le miann làidir gus ìrean àrda a ruigsinn gu cunbhalach. Tha targaidean àrd-amasach aig an Leabharlann gus cruinneachaidhean falaichte fhoillseachadh air-loidhne agus nì an dreuchd seo cinnteach gum bi cothrom aig daoine air cruinneachaidhean dealbhan gluasadach nas beartaiche agus nas riochdachaile.

 

Feumaidh tagraichean a bhith a-staigh ro Dhiluain 1 Sultain 2021 aig meadhan oidhche. Thèid agallamhan a chumail Diardaoin 25 Samhain 2021 (sa Bheurla).

Thoir fa-near gum bi aig an tagraiche soirbheachail ri cead tèarainteachd bunaiteach Disclosure Scotland fhaighinn

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.