Òraidiche (LTS) ann an Gàidhlig / Lecturer (LTS) in Gaelic

  • Làn-thìde / Full-time
  • Gilmorehill Campus, University of Glasgow
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £35,845 - £40,322 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: 45 mìosan
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Gus cur ri lìbhrigeadh air eòlas sàr-mhath oileanach le bhith a’ cur ri teagasg, measadh agus rianachd a’ chùrsa Bogaidh Ghàidhlig, sa mhòr-chuid agus sgoilearachd a ghabhail os làimh gus ionnsachadh is teagasg a neartachadh ann an Sgoil nan Daonnachdan.

To contribute to the delivery of an excellent student experience by contributing to teaching, assessment and administration of, principally, the Gaelic Immersion course and to undertake scholarship to enhance learning and teaching in the School of Humanities.

Main Duties and Responsibilities

1. Curraicealam a’ chùrsa Bogaidh Ghàidhlig a leasachadh agus a dhealbhadh ann an dòigh a tha a’ cur taic ri modh-obrach sgoilearach ann an ionnsachadh is measadh oileanaich sa chuspair agus/no dreuchd. / Develop and design the Gaelic Immersion course curriculum in a manner that supports a scholarly approach to student learning and assessment in the discipline and/or profession.

2. Raon de ghnìomhachdan teagaisg, stiùiridh agus measaidh a lìbhrigeadh air prògraman fo-cheum agus iar-cheum mar as iomchaidh aig ìre Chuspair/Sgoile. / Deliver a range of relevant teaching, supervision and assessment activities on undergraduate and postgraduate programmes as appropriate within the Subject/School.

3. Feum èifeachdach a thoirt à teicneòlasan ionnsachaidh gus taic is meudachadh a chur ri lìbhrigeadh a’ chùrsa, eagrachadh a’ chùrsa, ais-fhiosrachadh agus measadh cunbhalach. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach solar co-mheasgaichte agus/no air-loidhne. / Make effective use of learning technologies to support and enhance course delivery, course organisation, feedback and formative assessment. This may involve blended and/or online provision.

4. Dèanamh cinnteach à modh-obrach a tha in-ghabhalach agus stèidhichte air fianais gus ionnsachadh fhurastachadh ann an raon de chruthan lìbhrigidh aghaidh-ri-aghaidh agus comas air-loidhne, leithid tràthan-oideachaidh, òraidean, ionnsachadh stèidhichte air ceistean, a tha ag adhartachadh com-pàirteachadh bho oileanaich agus a’ coileanadh bhuilean ionnsachaidh. / Ensure an inclusive and evidence-based approach to facilitating learning in a range of face-to-face and potentially online delivery formats such as tutorials, lectures, problem based learning, that promotes student participation and learning outcome attainment.

5. Rianachd cùrsa a choileanadh taobh a-staigh raointean-ama riatanach, a’ dèanamh cinnteach à conaltradh èifeachdach air fiosrachadh, gu h-àraid a thaobh riatanasan measaidh is slatan-tomhais agus ais-fhiosrachadh àmail is cuideachail air measadh cunbhalach. / Carry out course administration within required timescales ensuring effective communication of information, in particular assessment requirements and criteria and timely and constructive feedback on formative assessment.

6. Dàimhean obrach èifeachdach a leasachadh le oileanaich agus ann an com-pàirteachas le sgiobaidhean sheirbheisean buntainneach oileanach, freagairt gu h-iomchaidh don raon eadar-mheasgte de mhodhan ionnsachaidh agus feumalachdan luchd-ionnsachaidh. / Develop effective working relationships with students and, in partnership with relevant student services teams, respond appropriately to the diverse range of learning approaches and learner needs.

7. Dàimhean a leasachadh le luchd-ùidhe air an taobh a-muigh ann an taic do dh’iomlaid air eòlas, tuigse phoblach agus cruthan iomchaidh de fhor-ruigheachd mar leudachadh air ruigsinneachd. / Develop relationships with external stakeholders in support of knowledge exchange, public understanding and appropriate forms of outreach such as widening access.

8. Dleastanasan reusanta sam bith eile a ghabhail os làimh mar a tha air iarraidh le Ceannard na Sgoile. / Undertake any other reasonable duties as required by the Head of School.

9. Cur ri neartachadh air ìomhaigh eadar-nàiseanta an Oilthighe ann an co-rèir ri Plana Innleachdail an Oilthighe – Brosnachadh Dhaoine – Ag Atharrachadh an t-Saoghail. / To contribute to the enhancement of the University’s international profile in line with the University’s Strategic Plan – Inspiring People – Changing the World.

10. Cur ri neartachadh ìomhaigh Ghàidhlig an Oilthighe, ann a bhith a’ toirt a’ chùrsa Bogaidh Ghàidhlig gu buil, aon de na prìomh amasan ann am Plana Gàidhlig an Oilthighe 2018-21. / To contribute to the enhancement of the University’s Gaelic profile through the implementation of the Gaelic immersion course, a primary objective of the University’s Gaelic Language Plan 2018 – 21. http://www.gla.ac.uk/about/strategy/people/

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.