Neach-Teagaisg na Gàidhlig / Teaching Fellow in Gaelic

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Taylor Building, Aberdeen
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £34,304 - £40,927 per annum, pro rata
  • Cùmhnant / Contract: 5 mìosan
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 0.6 FTE
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website aberdeenuniOilthigh Obar Dheathain

Tha Sgoil Cànian, Litreachais, Ciùil & Cultar Lèirsinnich ag iarraidh Neach-teagaisg pàirt-ùine fhastadh air cùmhnant teirm-shuidhichte airson 5 mìosan ann an Gàidhlig aig 0.6FTE gus cur ris an teagasg sna fo-cheumannan le Gàidhlig. Tha e riatanach gum bi an neach san dreuchd comasach air clasaichean labhairteach a lìbhrigeadh aig gach ìre agus comasach air cur ris na ceumannan ann an Eòlas na Gàidhlig ann an dòighean eile a bharrachd.

Bidh fo-cheum math agaibh ann an Gàidhlig, no teisteanas co-cheangailte ri riatanasan na dreuchd. Bidh sàr Ghàidhlig agaibh agus eòlas agaibh ann a bhith a’ teagasg a’ chànain do dh’inbhich, eòlas air modhan-cleachdaidh teicneòlas conaltraidh. Bidh sgilean conaltraidh sgrìobhte agus labhairteach sàr-mhath agaibh san dà chuid Beurla is Gàidhlig, agus bidh sibh comasach air obair le oileanaich gus ionnsachadh-oileanach a chur air adhart ann an raon de dhòighean eadar-dhealaichte.

Gheibhear tuarastal aig an ìre fhreagarraich de Ìre Phàighidh 6 (£34,304 – £40,927 per annum, pro rata) agus faodar an ìre sin aontachadh a rèir theisteanasan agus eòlais.

Ma tha sibh airson ceistean neo-fhoirmeil fhaighneachd mun dreuchd seo, faodaidh sibh fios a chur gu:
Professor Chris Collins, Head of School / An t-Àrd-Oll. Chris Collins

chris.collins@abdn.ac.uk

Feuch nach cuir sibh foirmichean-iarrtais no Cunntas-beatha dhan Àrd-ollamh Collins.

Feuch gun cuir sibh àireamh na dreuchd LAN121A ann, sna brathan a chuireas sibh thugainn

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Further Particulars.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.