Oifigear Plana Gàidhlig / Gaelic Plan Officer

  • Làn-thìde / Full-time
  • Victoria Quay, Edinburgh, EH6 6QQ
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £38,541.00 - £46,599.00
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach / Permanent
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 37
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • November 11, 2020

Tha sinn a’ coimhead airson tagraidhean airson dreuchd Oifigear Plana Gàidhlig taobh-staigh sgioba na Gàidhlig agus Albais ann an Buidheann-Stiùiridh an Ionnsachaidh stèidhichte ann an Dùn Èideann. ’S e obair làn-ùine a tha seo le peinnsean. Mar as trice tòisichidh luchd-inntrigidh ùr air an ìre pàighidh as ìsle. Thèid cuireadh a thoirt do thagraichean le ciorram a  choileanas na slatan-tomhais riatanach gu h-ìosal.

Tha uallach air an dreuchd seo airson: cur an gnìomh dleastanasan Phlana Gàidhlig SG, dleastanasan eadar-theangachaidh cudromach, gnìomhan cànain agus taic a thoirt do cho-obraichean SG eile le na feumalachdan Gàidhlig aca, leithid measaidhean àbhaisteach Gàidhlig.

Teisteanasan deatamach

Airson dreuchdan ann am Bann B & C feumaidh tu co-dhiù 3 Teisteanasan Nàiseanta Àrd-ìre no a leithid a chumail agus airson na dreuchd seo tha riatanas sònraichte ann gum feum ceum Gàidhlig a bhith agad. Is dòcha gun gabhar ri teisteanasan co-ionann riutha sin, ma tha teagamh sam bith agad cuir fios thugainn airson tuilleadh còmhraidh.

Cuimhnich: Mura h-urrainn dhut sealltainn mar a choileanas tu na teisteanasan as ìsle mar a chaidh a mhìneachadh gu h-àrd, cha tèid beachdachadh air an tagradh agad.

Slatan-tomhais riatanach

  1. Sgilean cànain Gàidhlig, ann an còmhradh agus sgrìobhadh.
  2. Sgilean conaltraidh, sgrìobhte agus labhairteach.
  3. Sgilean obair-sgioba agus comasach air deagh dhàimhean a thogail.
  4. Comas a bhith ag obair leat fhèin agus comasach air cinn-latha a shuidheachadh.

Barrachd fiosrachaidh

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun obair seo, luchdaich agus gabh aire dhen “Person Specification and Further Information for Job Applicants” a gheibh thu gu h-ìosal. Gus tagradh a dhèanamh, feumaidh tu iarrtas air-loidhne a chur a-steach tron làrach-lìn seo ron cheann-latha dùnaidh. Airson na dreuchd seo, faodaidh tagraidhean a bhith ann an Gàidhlig neo Beurla. Gus barrachd ionnsachadh mun chothrom seo, cuir fios gu Douglas Ansdell aig douglas.ansdell@gov.scot

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

PS IRC84447.pdf

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://applications.work-for-scotland.org →