Òraidiche Gàidhlig

  • Làn-thìde / Full-time
  • An t-Eilean Sgitheanach
  • Posted 4 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £34,170 – £42,357
  • Cùmhnant / Contract: Leantainneach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

Tha Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta a’ sireadh thagraichean mu choinneimh na dreuchd Òraidiche Gàidhlig. Cuiridh an neach soirbheachail gu mòr ri teagasg air cùrsaichean bogaidh stèidhichte air an àrainn, a’ gabhail a-steach CertHE An Cùrsa Comais agus CertHE Gàidhlig is Conaltradh. Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan airson na dreuchd seo bho thagraichean uidheamaichte agus bho raon farsaing de chuspairean. Bu chòir ùidh sgoileireil a bhith agaibh ann an togail is leasachadh cànain agus bu chòir dhuibh a bhith dealasach mu theagasg agus ionnsachadh na Gàidhlig.

 

’S e cothrom air leth a tha seo gus taic a thoirt do ghinealach ùr na Gàidhlig agus a bhith a’ co-obrachadh ann an sàr-sgioba is àrainneachd bhrosnachail, dhùbhlanach is luachmhor, tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh eòlas agaibh air teagasg aig ìre fo-cheum, ged a bhios cothroman leasachaidh phroifeasanta anns an dreuchd fhèin a bhith a’ dealbhadh agus a’ leasachadh chùrsaichean, measadh agus obair sgoilearachd.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oraidiche Gaidhlig certHE PF Slan FINAL 3.0.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.