Neach-teagaisg (Glaschu) Preantasachd Tòiseachaidh ann an Seirbheisean Sòisealta: Clann is Òigridh

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Glaschu, Glasgow
  • Posted 2 months ago
  • Tuarastal / Salary: Sgèile Òraidichean Nàiseanta
  • Cùmhnant / Contract: Seasmhach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 7
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • August 23, 2019

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta Canan is Cultar na Gàidhlig

Tha sinn a’ sireadh neach-teagaisg no neach-obrach anns na tràth-bhliadhnaichean airson teagasg air a’ chùrsa seo, a tha ag amas air sgoilearan ann an S5/S6 a tha airson gluasad gu dreuchd ann an cùram-chloinne no le òigridh. Tha an cùrsa a’ ruith a-cheana agus tha sinn a-nise a’ sireadh luchd-teagaisg airson chlasaichean eile air feadh na dùthcha.

Tha cothrom ann seo a dhèanamh an co-bhonn le obair eile no gu dearbh mar phàirt de phrògram leasachadh luchd-obrach far a bheil sibh an-dràsta stèidhichte. Bidh sibh teagasg ann an àrd-sgoil agus bidh stuthan-ionnsachaidh air loidhne cuideachd aig na sgoilearan.

A bharrachd air fileantas sa Ghàidhlig agus teisteanas co-cheangailte ris na tràth-bhliadhnaichean no teagasg, tha sinn a’ lorg neach aig a bheil fìor ùidh sa chuspair, a bhios math air sgoilearan òg a bhrosnachadh a bhith nan luchd-ionnsachaidh no-eisimeileach agus a tha a’ tuigsinn gu bheil sgilean-obrach mar seo sa Ghàidhlig cho cudromach ann an dreuchdan far a bheil bogadh cànain a dhìth.

Ma tha thu den bheachd gu bheil an dreuchd seo freagarrach dhut, nach cuir thu iarrtas thugainn aig obair@smo.uhi.ac.uk

Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.