Neach-taic Sgioba-glanaidh

A bheil e a’ còrdadh riut a bhith ag obair ann an àite trang mar phàirt de sgioba bheothail? Tha cothroman air nochdadh ann an Roinn na h-Aoigheachd airson neach-taic sgioba glanaidh agus bhiomaid toilichte cluinntinn bhuat.

Gheibh thu trèanadh slàn agus cothroman a dhol gu clasaichean Gàidhlig mar phàirt den obair làitheil. Bidh agad ri dhol tro Disclosure Scotland.

Amas na dreuchd

A bhith a’ glanadh agus a’ cumail aig ìre àrd seòmraichean-cadail oileanach is aoighean, oifisean,  seòmraichean teagaisg, seòmraichean co-labhairt agus àiteachan poblach (trannsaichean agus taighean-beaga), cho math ri a bhith a’ cuideachadh a’ cur an cèill sheòmraichean airson choinneamhan is cho-labhairtean. A bhith a’ cur ri àrainneachd Ghàidhlig na colaiste tro bhith ag ionnsachadh no a’ leasachadh sgilean cànain.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.