Oifigear Trusaidh

Faodaidh an obair seo a bhith air a roinn eadar Sabhal Mòr Ostaig agus air astar.

Thathas a’ sireadh Oifigear Trusaidh a bhios gu sònraichte a’ trusadh oileanaich ùra don Cholaiste le bhith a’ tadhal air sgoiltean, a’ cur air dòigh làithean fosgailte agus a’ frithealadh fhèilltean dhreuchd.

Bidh sibh cuideachd a’ togail ìomhaigh na Colaiste le bhith a’ cur air dòigh tachartasan agus pròiseactan margaideachd, a’ dèiligeadh le luchd-tadhail agus ag obair le oileanaich an t-Sabhail.

’S i a’ Ghàidhlig cànan obrach na Colaiste agus bidh sibh deònach agus comasach obair tro mheadhan na Gàidhlig gu làitheil.

Tha cothroman trèanaidh ann gus na sgilean cànain agaibh a leasachadh. Bidh agaibh ri dhol tro Disclosure Scotland.

Bu chòir iarrtasan-obrach a chur gu obair@smo.uhi.ac.uk ro 5.00f air 21.02.2020

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.