Co-òrdanaiche Foghlam Fad-Beatha

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh neach a thig a dh’ obair le Roinn an Fhoghlaim againn mar Cho-òrdanaiche Foghlam Fad-Beatha. Bheir seo taic do dh’obair cho-òrdanachadh agus rianachd foghlam fad-beatha.

Is e dreuchd ùr a tha seo a bhios an urra ri grunn phrìomh phròiseactan a cho-òrdanachadh, a’ gabhail a-steach cùrsaichean Preantasachd agus SVQ, cùrsaichean goirid, raon de phròiseactan Ionnsachadh do dh’Inbhich, agus pròiseactan le taic bhon Mhaoin Leasachaidh Luchd-obrach Sùbailte (FWDF). Feumaidh eòlas farsaing a bhith aig tagraichean soirbheachail air foghlam fad-beatha, mothachadh air riatanasan càileachd agus tuigse mhath air pròiseas an fhoghlaim.

Feumaidh tu cuideachd a bhith fileanta an dà chuid ann an labhairt agus sgrìobhadh na Gàidhlig, a bharrachd air a bhith comasach air obair a phlanadh agus prìomhachasan a stèidheachadh. Bidh sibh còmhla ri sgioba sgoinneil a tha ag amas air cuir ri ath-bheòthachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun dreuchd seo agus foirm-iarrtais air an làrach-lìn againn: http://www.smo.uhi.ac.uk/obair

(Dh’ fhaodadh cothrom a bhith ann an obair seo a dhèanamh pàirt-ùine)

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

To Co ordainiche May 22.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.