Oifigear Leasachaidh nan Ealain Gàidhlig

Làrach-lìn / Website Sabhal Mòr Ostaig

Bidh Oifigear Leasachaidh nan Ealain Gàidhlig fo stiùir an Stiùiriche airson Leasachadh, Togail-airgid is nan Ealain, agus bidh thu ag ullachadh Ro-innleachd Ealain Sabhal Mòr Ostaig agus ga cur an gnìomh agus thu a’ faighinn stiùireadh is comhairle a thaobh sin bho Bhuidheann Chomhairleachaidh nan Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig. Am measg nan dleastanasan eile a bhios agad tha: a bhith a’ conaltradh ri is a’ togail cheanglaichean le buidhnean is luchd-solair eile a tha an sàs sna h-ealain Ghàidhlig aig ìre ionadail, roinneil, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus thu a’ togail air cliù Sabhal Mòr Ostaig agus air na tha sinn air coileanadh a thaobh nan ealain Gàidhlig.

Tha an obair seo a’ toirt cothrom air leth sònraichte dhan neach-iarrtais a thèid a chur an dreuchd gus a bhith ag obair gu cruthachail agus le ealantas còmhla ri taghadh farsaing de luchd-ealain gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, an lùib diofar raointean ealain agus an obair agad stèidhichte ann an àrainneachd làn-Ghàidhlig na Colaiste.

’S e as fheàrr gum bi thu ag obair aig a’ Cholaiste ann an Slèite, no faisg oirre. Ge-tà, tha sinn deònach beachdachadh air iarrtasan bho dhaoine a tha airson a bhith ag obair air astar agus iad deònach siubhal dhan cholaiste bho àm gu àm.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Jan 2025 Arts Development Officer JD Gaidhlig.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.