
Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig
Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig
Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ sireadh neach eagraichte agus comasach airson dreuchd Àrd-rùnaire Roinn an Fhoghlaim a ghabhail os làimhe. ‘S e dreuchd ùr a tha seo le fìor mheasgachadh de dhleastanasan rianachd, stiùiridh, co-òrdanachaidh agus eagrachaidh na lùib. Bidh an neach a shoirbheachas comasach air prìomhachasan a stiùireadh, comasach air àrd-ìre-obrach ann an suidheachaidhean trang is caochlaideach, agus fìor mhath air cumail ri cinn-ùine. ‘S e cothrom air leth inntinneach a tha seo a bhith aig teas-mheadhan obair na roinne ann an leasachaidhean foghlaim Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na h-Alba.
Gheibhear foirm-iarrtais air làrach-lìn na Colaiste.
Ceann-là airson iarrtasan: 26/02/21
Thèid agallamhan air 09/03/21
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.