Cò-òrdanaiche nan Cùrsaichean Goirid

  • Làn-thìde / Full-time
  • Slèite
  • Posted 8 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £23-25,000 (a rèir sgilean is eòlais)
  • Cùmhnant / Contract: Seasmhach
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta Canan is Cultar na Gàidhlig

PRÌOMH UALLAICHEAN

·         A’ co-òrdanachadh nan Cùrsaichean Goirid agus nan gnìomhan co-cheangailte riutha,

m.e. àiteachan fuirich, oidean, clàran-ama, cùmhnantan oidean, tachartasan sòisealta is eile

·         Tachartasan sòisealta nan Cùrsaichean Goirid a chur air dòigh agus an luchd-taic a’ stiùireadh gus iad seo lìbhrigeadh gu soirbheachail

·         A’ dèanamh cinnteach gu bheil cùisean air dòigh airson prògram nan cùrsaichean goirid a lìbhrigeadh gu soirbheachail

·         An co-bhonn ri sgioba Margaideachd na Colaiste, a bhith a’ cur gnìomhan margaideachd nan Cùrsaichean Goirid air dòigh agus tachartasan a fhrithealadh mar a bhiodh iomchaidh

·         Ag ullachadh fiosrachaidh mu Chùrsaichean Goirid airson duilleagan làrach-lìn na Colaiste agus na meadhanan sòisealta

·         A’ cuideachadh le trèanadh is inntrigeadh luchd-oide (an co-bhonn ri Manaidsear Leasachaidh Foghlam Adhartaich)

·         A’ leudachadh chlàr nan Clasaichean Coimhearsnachd agus an lìbhrigeadh gu h-èifeachdach

·         A’ cumail taic ri Manaidsear Leasachaidh Foghlam Adhartaich le Preantasachdan

·         A’ cumail taic ri Neach Rianachd nan Cùrsaichean Goirid aig amannan trang

Thèid agallamhan a a chumail air 3 Màrt 2020

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.