Iar Phrionnsapal

  • Full Time
  • Slèite
  • Posted 4 months ago
  • Applications have closed
  • Salary: c.£55-60k
  • Contract: Seasmhach
  • Gaelic Essential

Website SabhalMorOstaig Sabhal Mòr Ostaig

PRÌOMH AMAS NA H-OBRACH

A’ stiùireadh Roinn an Fhoghlaim agus a’ toirt taic dhan Phrionnsapal le obair làitheil na Colaiste, a’ leasachadh ìomhaigh agus a’ cur an cèill feallsanachd na Colaiste.

 

PRÌOMH UALLAICHEAN

·         Stiùireadh agus a’ conaltradh le luchd-obrach na roinne. Bhiodh seo cuideachd a’ gabhail a-steach uallach agus cùram airson oileanaich an t-Sabhail.

·         Toirt taic don Phrionnsapal ann a bhith a’ cur an gnìomh phoileasaidhean, ro-innleachdan agus phrògraman, aontaichte le Bòrd Stiùiridh na Colaiste, agus a bhith a’ gabhail àite a’ Phrionnsapail mar a tha sin riatanach.

·         Dèanamh cinnteach gu bheil prògraman oideachaidh, ro-innleachdan agus poileasaidhean freagarrach ann airson cùisean acadaimigeach aig gach ìre. Tron bhliadhna gu minig bidh feumalachdan a bharrachd a’ nochdadh a thaobh oidean air astar.

·         A bhith an urra ri dealbhachadh, stiùireadh agus a’ leasachadh chùrsaichean foghlaim agus iomairtean rannsachaidh a bhios a’ Cholaiste an dùil a bhith a’ tairgse.  Bha an Cùrsa Teagaisg, am BA (le urram) Gàidhlig agus Foghlam, na dheagh eisimpleir de sin anns a’ bhliadhna a chaidh seachad. Cuideachd, bidh ullachaidhean rin dèanamh a thaobh REF (Research Excellence Framework) 2021 an co-bhonn ris an sgioba rannsachaidh.

·         A compàirteachadh ann am prògram comhairleachaidh oileanach (PAT)

·         A bhith a’ com-pàirteachadh ann an siostaman measaidh, deagh-ghnè agus fèin-luachaidh SMO/OGE.  Tha aithisg bhliadhnail GRSS a’ toirt seo ri chèile.

·         A bhith a’ toirt taic dhan Phrionnsapal, Stiùirichean Roinne eile, Bòrd Stiùiridh agus Comataidh Foghlaim agus Rannsachaidh na Colaiste ann a bhith a’ toirt air adhart prògram obrach làitheil, agus a bhith a’ leasachadh ìomhaigh agus a’ cur an cèill feallsanachd na Colaiste.

·         Mar thosgaire na Colaiste, a bhith a’ conaltradh le oilthighean, colaistean agus buidhnean eile a’ togail air cothroman co-obrachaidh leithid MOUs, iomlaidean agus cothroman ionnsachaidh

·         A bhith a’ riochdachadh na Colaiste agus Roinn an Fhoghlaim air buidhnean agus comataidhean fa leth, m.e. buidhnean agus comataidhean aig OGE.

·         A bhith a’ leantainn riaghailtean slàinte is sàbhailteachd

·         A’ coileanadh agus a’ leasachadh deagh–ghnè na Colaiste

·         Obair iomchaidh sam bith eile a dhèanamh mar a bhios feum aig a’ Cholaiste bho àm gu àm.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.