Oifigear Chorporra (Preantasachd Ìre Cheum)

  • Làn-thìde / Full-time
  • Slèite
  • Posted 2 weeks ago
  • Tuarastal / Salary: £27,000
  • Cùmhnant / Contract: Seasmhach
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential
  • April 16, 2021

Làrach-lìn / Website SabhalMorOstaigSabhal Mòr Ostaig

Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig

Tha sinn a’ tabhann cothrom tarraingeach do neach a tha airson ceum ghnìomhachais a dhèanamh mar phàirt de dhreuchd Oifigear Corporra aig a’ Cholaiste. Bidh an dreuchd glè fharsaing ach bi fòcas air gnothaichean sgiobachd.

Tha an cothrom seo iomchaidh do neach a tha air ùr tòiseachadh ann an saoghal-obrach na Gàidhlig no a tha deiseil airson atharrachadh san t-slighe-obrach aca.  Mar phàirt den obair làn-ùine seo, bidh latha gach seachdain ga chur seachad air a’ chùrsa seo, air loidhne, le Oilthigh Raibeart Gòrdain.

Cha bhi cìsean na ceuma ri phàigheadh idir.

Ma tha thu èasgaidh, deiseil is deònach, le ùidh ann an dreuchd a bhios cudromach sa Cholaiste agus ionnsachadh tro cheum aithnichte ann an Alba, cuir fios thugainn.

Cùir post-d gu obair@smo.uhi.ac.uk airson barrachd fiosrachaidh agus foirm iarrtais.

Ceann-là: 16 Giblean 2021

Thèid agallamhan a chumail air: 23 Giblean 2021

 

Ceann-là: 5f 16/04/21

Agallamhan: 23/04/21

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oifigear Chorporra.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.


You can apply to this job and others using your online resume. Click the link below to submit your online resume and email your application to this employer.