Prionnsapal na Colaiste

  • Full Time
  • Slèite
  • Posted 2 weeks ago
  • Salary: £72,000
  • Contract: Seasmhachd
  • Nov 3, 2017

Website SabhalMorOstaig Sabhal Mòr Ostaig

Tha Bòrd Stiùiridh Shabhal Mòr Ostaig a’ sireadh Prionnsapail mhisneachail agus lèirsinneach a ghabhas àite an Oll. Boyd Robasdain, a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd as t-Earrach. Mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, tha iomadh taobh air a’ Cholaiste, le prìomhachas air foghlam agus rannsachadh aig ìre àrd agus air leasachadh cultarail. ‘S ann tro mheadhan na Gàidhlig a tha teagasg agus rianachd aig a’ Cholaiste. Tha a’ Cholaiste na com-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

‘S e neach mac-meanmnach le lèirsinn agus le sgilean airson sgioba a bhrosnachadh agus a’ Cholaiste fhèin a leasachadh a tha a dhìth oirnn.  Leis a sin, chuireamaid fàilte air tagradh bho neach sam bith leis na tàlantan sin, às bith dè an dreuchd anns a bheil an neach an-dràsta.

Tadhailibh air www.smo.uhi.ac.uk/gd/colaiste/cothroman-obrach airson pasgan fiosrachaidh no cuiribh fios gu Nicola NicThòmais, Stiùiriche Corporra, air 01471 888 301 no nnt.smo@uhi.ac.uk

Bidh an dreuchd seo làn-ùine agus bhite a’ sùileachadh gum biodh an neach a’ fuireach san sgìre.

Ceann-là iarrtasan: 03/11/17

Agallamhan: 17/11/17

Barrachd fios / More info

Pasgan Fiosrachaidh.pdf
Upload your CV/resume or any other relevant file. Max. file size: 8 MB.