Co-òrdanaiche Leasachadh Seirbheis (Gàidhlig na h-Alba) / Service Development Co-ordinator (Scottish Gaelic)

  • Pàirt-thìde / Part-time
  • Edinburgh
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £22K FTE
  • Cùmhnant / Contract: 12 months from September 2021
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 21
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website byleavesweliveScottish Poetry Library

The home of Scotland's poetry

Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba airson a bhith an sàs le agus a’ taisbeanadh bhàrd, chleasaichean agus fhoillsichearan tàlantach bho air feadh coimhearsnachdan na h-Alba, a’ gabhail a-steach luchd-labhairt agus sgrìobhadairean Gàidhlig. Is e ar n-amas na cruinneachaidhean, an t-eòlas agus an luchd-èisteachd againn a leasachadh gus iomadachd cultaran agus cànanan na h-Alba a riochdachadh nas fheàrr.

Tha sinn air dreuchd ùr ùine-stèidhichte a dhealbhadh gus ar n-obair a sgaoileadh gu coimhearsnachdan Gàidhlig, agus gus cuideachadh le ath-dhealbhadh ar seirbheisean a tha air an lìbhrigeadh san leabharlainn agus, barrachd is barrachd, air-loidhne tro na h-ùrlaran didseatach againn.

Tha sinn airson eòlaiche fhastadh a stiùireas lìbhrigeadh a’ phrògram obrach seo, agus a chuidicheas sinn a’ sìneadh a-mach agus a’ togail chom-pàirteachasan seasmhach le buidhnean den aon bheachd rinn fhìn.

Tha sinn an dòchas, às dèidh measadh air buaidh na dreuchd, gun tàlaidh sinn maoineachadh bhon taobh a-muigh gus an dreuchd a chumail nas fhaide na bliadhna pìleit a’ chùmhnaint seo.

Bithear a’ sùileachadh gum bi thu ag obair ionann ri trì làithean slàna, Diluain gu Dihaoine. Feumaidh an tagraiche soirbheachail a bhith ag obair anns an leabharlainn ann an Dùn Èideann airson co-dhiù 10 de na 21 uairean a thìde a tha sa chùmhnant gus taic a thoirt do leasachadh ar cruinneachaidh de leabhraichean, bileagan, irisean agus stuthan tasglainn. Faodar na h-uairean a tha air fhàgail obair bhon taigh.

Leis gum feumar obair le buidhnean air an taobh a-muigh san dreuchd seo, bhiodh sinn an dòchas gum biodh misneachd agus eòlas aig an neach-dreuchd gus com-pàirteachasan a thòiseachadh agus a leasachadh thar raon farsaing de roinnean, a’ gabhail a-steach ealain is dualchas, gnìomhachasan cruthachail, buidhnean poblach agus an Treas Roinn.

Is e An t-Àrd-leabharlannaiche manaidsear-loidhne na dreuchd seo. Tha buidseat prògraim beag ri fhaighinn gus coinneamhan agus gnìomhan taobh a-muigh a chur air dòigh nuair a cheadaicheas riaghailtean COVID-19.

Tagraidhean

Bu chòir do thagraichean leth-bhreac den Chunntas-beatha (CV) aca le litir còmhdaich a chur gu Leabharlann Bàrdachd na h-Alba/Scottish Poetry Library, 5 Crichton’s Close, Canongate, Dùn Èideann, EH8 8DT.  Cha bu chòir don Chunntas-beatha a bhith nas fhaide na ceithir taobhan A4 agus cha bu chòir don litir còmhdaich a bhith nas fhaide na dà thaobh A4. Ceann-latha thagraidhean: 23 Iuchar 2021.

Thèid agallamhan a chumail tron t-seachdain a’ tòiseachadh 16 Lùnastal. Ma gheibh thu cuireadh gu agallamh thèid iarraidh ort gnìomh sgrìobhte a dhèanamh mus tòisich an t-agallamh.

Airson còmhradh neo-fhoirmeil mun dreuchd, cuir fios gu Jill Nic an Tòisich, Àrd-leabharlannaiche, aig reception@spl.org.uk

 

The Scottish Poetry Library aspires to engage with and showcase talented poets, performers and publishers from across all of Scotland’s communities, including Scottish Gaelic (Gaelic) speakers and writers. Our aim is to develop our collections, expertise and audiences to better reflect Scotland’s diversity of cultures and languages.

We have designed a new fixed-term role to pilot our work with Gaelic-speaking communities, and to help redesign our services delivered in the library and, increasingly, online through our digital platforms.

We are looking to recruit a specialist to lead on the delivery of this programme of work, and to help us to reach out and build sustainable partnerships with like-minded organisations.

We hope that, following an evaluation of the impact of the role, we will attract external funding to sustain the post beyond the pilot year of this contract.

You will be expected to work the equivalent of three full days, Mondays to Fridays. The successful candidate will be required to work in the library in Edinburgh for at least 10 of the contracted 21 hours to support the development of our collection of books, pamphlets, journals and archive material. The remaining hours can be worked from home.

As this is an outward-facing role, we hope that the post-holder would have the confidence and know-how to initiate and develop partnerships across a wide range of sectors, including arts & heritage, creative industries, public bodies and the Third Sector.

The post-holder will be line-managed by the Head Librarian. A small programme budget is available to facilitate external meetings and activities when COVID-19 guidelines permit.

Applications

Applicants should send a copy of their C.V. with a covering letter to the Scottish Poetry Library, 5 Crichton’s Close, Canongate, Edinburgh, EH8 8DT.  The C.V. should be no more than four A4 sides and the covering letter no more than two A4 sides. Closing date: 23rd July 2021

Interviews will be held during the week beginning 16th August. If you are invited to interview you will be asked to complete a written task before the interview starts.

For an informal discussion about the role, please contact Jill Mackintosh, Head Librarian at reception@spl.org.uk

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

SPL Gaelic Job desc MATER GAELIC.docx

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.