Stiùiriche Foghlaim

  • Làn-thìde / Full-time
  • Anywhere
  • Posted 1 week ago
  • Tuarastal / Salary: £64,057 - £73,935 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach
  • Ìre foghlaim a dhìth / Education level needed: Fo-cheum
  • March 22, 2021

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Stiùiriche Foghlaim.

Tha an dreuchd seo cudromach ann a bhith a’ cuideachadh le bhith a’ stiùireadh mar a thèid leasachadh is leudachadh a thoirt air foghlam is ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba. Mar bhall de Sgioba Stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig, bidh sibh a’ cuideachadh le bhith a’ stiùireadh na buidhne aig ìre ro- innleachdail, agus sibh ag obair ann an com-pàirt ris a’ Cheannard agus buill eile den Sgioba Stiùiridh agus Buill a’ Bhùird.

Mar àrd neach-stiùiridh sa bhuidhinn, feumaidh tuigse a bhith agaibh san dreuchd seo air cùisean poilitigeach, foghlaim, sòisealta agus deamografach a tha a’ toirt buaidh air obair Bhòrd na Gàidhlig agus ar buidhnean com-pàirteach, agus bidh e comasach dhuibh obrachadh gu h-èifeachdach agus gu dlùth còmhla ri prìomh oifigearan poileasaidh is obrach aig na buidhnean le ùidh no com-pàirt san obair againn.

Stiùiridh sibh an sgioba foghlaim gus na prìomhachasan ionnsachaidh a chur an gnìomh mar a tha iad air am mìneachadh sa Phlana Chorporra agus sa Phlana Ghnìomh.

Bidh sibh ag obair còmhla ri buill eile de Sgioba Stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun tèid dleastanasan reachdail, àrd-amas agus ro-innleachdan a’ Bhùird a choileanadh.

Bidh sibh a’ toirt ceannas is stiùireadh do Bhòrd na Gàidhlig aig ìre ro-innleachdail a thaobh mar a thèid diofar phoileasaidhean is dòighean-obrach a dhealbh is a chur an gnìomh airson Foghlam agus Ionnsachadh na Gàidhlig. Cuideachd, nì sibh cinnteach gun tèid taic a thoirt do luchd-compàirt gus ro- innleachdan is poileasaidhean a chur an sàs agus gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air buaidh nan ro- innleachdan is poileasaidhean sin agus gun tèid cur ris a’ bhuaidh sin.

Airson tuilleadh fios, gheibh sibh tuairisgeul-obrach gu h-ìosal is ceangal ri foirm-iarrtais airson na dreuchd air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Stiuiriche Foghlam na Gaidhlig_Gearran 2021.pdf

Airson tagradh a dhèanamh, tadhail air an duilleag seo
To apply for this job please visit the following URL:

https://www.gaidhlig.scot →