Treòraiche Saor-thoileach / Gaelic-speaking Volunteer Guide

  • Neo-cheangailte / Freelance
  • National Museum of Scotland, Edinburgh
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Saor-thoileach / Volunteer
  • Cùmhnant / Contract: Leantainneach / On-going
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website NtlMuseumsScotTaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Tha sinn a’ lorg treòraiche saor-thoileach aig a bheil Gàidhlig a bhios mar phàirt den sgioba mhòr, dhealasach againn. Tha Treòraichean Saor-thoileach aig teis-meadhan prògram poblach inbheach Thaighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba; a’ lìbhrigeadh thursan aig àrd-ìre do luchd-tadhail nan gailearaidhean stèidhichte agus taisbeanaidhean sònraichte againn.

Tha Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson am prògram seo a thoirt am meud le tursan tro mheadhan na Gàidhlig. Bhiodh na tursan rim faighinn mar phàirt den phrògram leantaileach an-asgaidh don mhòr-shluagh agus cuideachd do bhuidhnean prìobhaideach a nì iarrtas air an son ro-làimh.

Tha an Tuairisgeul-obrach airson Treòraiche Saor-thoileach a’ toirt seachad geàrr-iomradh air na bhios treòraichean a’ dèanamh. Is dòcha gu bheil sibh fhèin air turas a ghabhail, agus gum faca sibh na bhios iad ris!

Tha sinn a’ sireadh treòraiche a tha airson na tursan Rannsaich an Taigh-tasgaidh Nàiseanta agus/no Turas air Prìomh Ulaidhean Ghailearaidhean na h-Alba a leasachadh.

Bhiodh sibh ag obair còmhla ri Treòraiche a tha san dreuchd mar-thà, a bhiodh na neach-stiùiridh agaibh airson ur cuideachadh is tu fhèin a’ dealbhadh turais – na bithibh eagal oirbh, cha leig sibh a leas a bhith uile-fhiosrach mus tòisich sibh ach deònach ionnsachadh, agus bidh agaibh ri beagan rannsachaidh a dhèanamh air ur ceann fhèin.

Bhiodh sinn toilichte nam b’ urrainn dhuibh obair a dhèanamh aig an deireadh-sheachdain m.e. aon latha air an deireadh-sheachdain gach mìos airson turas uair a thìde.  Ach, tha an ròta air leth sùbailte, agus faodaidh e freagradh air na h-amannan as urrainn dhuibh a bhith an làthair.

 

We are looking for a Gaelic-speaking volunteer guide at the National Museum of Scotland. Volunteer guides provide a vital contribution to the National Museum of Scotland’s public events programme for adults, by offering a high standard of tours about our permanent galleries and special exhibitions to museum visitors. National Museums Scotland wish to add to this programme by providing tours delivered in Gaelic. These would be available as part of our ongoing, free, public programme and also for private, booked groups on an ‘as requested’ basis.

The Volunteer Guide role description gives you an overview of what the guides do. You may well have been on a tour already to see what they do for yourself!

We are looking for guides who would like to develop a Discover the National Museum tour and/or a Scotland Galleries Highlights tour.

You would work with an existing Guide as a mentor to help you develop a tour – don’t worry, you don’t need to know everything before you start, just be willing to learn and do some of your own research.

Some weekend availability is welcomed e.g. one weekend day per month to give a one-hour tour. However, the rota is very flexible, and can work around your availability each month.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.