
Làrach-lìn / Website
The City of Edinburgh Council
Children, Education and Justice Services
Prìomh Thidsear | Principal Teacher (Gaelic Medium)
Bun-sgoil Taobh na Pàirce
Salary: £55,155
Hours: 35 per week
Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann am baile-mor Dhùn Eideann. Tha sinn a’ sireadh Prìomh Thidsear làn-ùine airson prìomh dhreuchd a ghabhail ann a bhith a’ treòrachadh coimhearsneachd na sgoile, a’ lìbhreagadh phrìomhachasan nàiseanta is ionadail agus a’ coileanadh ar lèirsinn airson ‘àrainneachd ionnsachadh Ghàidhlig den ìre as àirde.’
Bidh am prìomh thidsear ag obair mar phàirt den sgioba cheannardais, a’ lìbhreagadh teagasg is ionnsachadh aig àrd-ìre agus a’ brosnachadh piseach is coileanas. Bidh iad ag obair gu dlùth ri luchd-ionnsachaidh, pàrantan is com-pàrtichean.
Tha an sìor-fhàs ann am FMG ann an Dùn Eideann a’ ciallachadh gu bheil planaichean ann a-nis airson àrd-sgoil Ghàidhlig. Bidh seo a’ toirt iomadh chothrom dhan luchd-obrach airson obair thar-earrain is adhartas dreuchdail.
Tha e riatanach gum bi comas aig an tagraiche air labhairt, leughadh agus sgrìobhadh na Gàidhlig agus modhan obrach foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus gu bheil iad air a bhith ag obair ann an suidheachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Bidh an neach-soirbheachail na shàr eiseimpleir a thaobh ionnsachadh, teagasg agus measadh.
Salaries will be in accordance with the Scheme of Salaries and Conditions of Service for Teaching Staff in School Education.
Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.
Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.