Gaelic Education Manager

  • Làn-thìde / Full-time
  • Struy, Beauly
  • Posted 1 month ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £34,728
  • Cùmhnant / Contract: 1 year, but extension likely
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 9 to 5
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha cothrom air leth aig Pròiseact na h-Àirigh a h-uile neach tadhail a bhrosnachadh gus Gaidhlig ionnsachadh, agus gus tlachd a ghabhail as an cànain agus an cultair. Bidh Gàidhlig gur ceangal le ainmean-àite, òrain is sgeulachdan na h-Àirigh. Bidh i air a snìomhadh gu nàdarra a-steach gu gnìomhan làitheil na làraich. Is urrainn dhan Phròiseact na ceanglaichean seo a chur an cèill do dh’ fhileantaich agus do luchd ionnsachaidh an ceudna, eadar Gàidhlig agus an àrainneachd. Bu chòir do’n Ghàidhlig a bhith mar phàirt de bheatha làitheil na h-Àirigh. Bu chòir cothrom a bhith aig luchd tadhail am bogadh sa chànain, agus bu chòir dha sin a bhith mar phàirt den phrògram againn air fad.

Bidh e na dhleasdanas aig Manaidsear Fhoghluim Ghàidhlig a bhith a’ leasachadh na goireasan sin. Tha cuid dhiubh air an cur air dòigh, agus cuid eile a tha rin leasachadh fhathast. Tha am post ùr seo a’ gabhail a-steach: lìbhrigeadh na tùrsan fhoghluim dà-chànanach air an làrach; a’ cruthachadh goireasan ùra air loidhne; agus a’ toirt taic dhan luchd obrach. Bidh sibh cuideachd ag obair còmhla ris an sgioba gus foghlum air a’ bhlair a-muigh a libhrigeadh do dhaoin’ òga air tursan sgoile agus campaichean samhraidh. Bidh sibh ag obair còmhla ri luchd-teagaisg air na cùrsaichean treànaidh aca. Bidh sibh ag obair còmhla ri saor-thoilich airson sàr- thachartasan is ghoireasan a lìbhrigeadh.

Tuilleadh fiosrachaidh / More info

Oifigear Foghluim Ghaidhlid.pdf

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.