Iar-Dhealbhaiche

  • Sealach / Temporary
  • Glasgow
  • Posted 2 weeks ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: Ri aontachadh
  • Cùmhnant / Contract: 2 mìos
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Theatre Gu Leòr a’ sireadh neach-labhairt Gàidhlig airson an dreuchd Iar-Dhealbhaiche. Bidh an Iar-Dhealbhaiche ag obair air a’ phròiseact MAIM (co-obrachadh eadar Theatre Gu Leòr agus an comhlan cùil WHYTE, le taic bho Tèatar Tron) a’ cumail taic ris an Dealbhaiche agus Manaidsear Riochdachaidh. Thèid MAIM air cuairt air feadh Alba sa Mhàirt 2020.

https://www.theatreguleor.com/maim

Dleastanasan:

  • A bhith a’ cumail taic ris an Dealbhaiche gus na h-uallaichean a tha oirre a choileanadh mar a leanas:
  • A’ cumail taic ri dealbhadh aodaich agus seata, a’ dèanamh no a’ lorg stuthan far a bheil e iomchaidh fo stiùir an Dealbhaiche, ann an com-pàirteachas leis an sgioba dhealbhachaidh agus am Manaidsear Riochdachaidh
  • A’ toirt aire air riaghailtean slàinte ‘s sàbhailteachd a thaobh a bhith a’ dèanamh aodaich agus seata
  • Ag obair taobh a-staigh a’ bhuidseid dhealbhachaidh mar a chaidh aontachadh ro làimh
  • A’ gabhail ri gach poileasaidh aig a’ chompanaidh, a tha rim faodainn air iarrtas

Feumalachdan:

  • Gàidhlig sgrìobhte is labhairt mhath
  • Sgilean dealbhachaidh pragtaigeach – a’ dèanamh aodaich agus a’ cruthachadh seata
  • Ùidh ann tèatar agus anns na h-ealainean na Gàidhlig san farsaingeachd
  • Comas a bhith ag obair fon stiùir agad fhèin

Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air tagraichean bho dhaoine a tha a’ fuireach ann an coimhearsnachdan Gàidhlig sna h-Eileanan, agus gheibh tagraiche shoirbheachail bho na h-Eileanan buidsead son siubhail agus àite-fuirich.

Cuiribh cunntas-beatha agus litir-tagraidh gu info@theatreguleor.com ro 5f air an 17mh den Fhaoilleach 2020, ag innse carson a tha thu den bharail gum biodh tu freagarrach airson na dreuchd seo.

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.