Stiùiriche – Tobar an Dualchais

  • Làn-thìde / Full-time
  • Slèite
  • Posted 3 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £42,000-46,000
  • Cùmhnant / Contract: Bliadhna (agus 's dòcha nas fhàide)
  • Uairean san seachdain / Hours per week: 35
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Tha Tobar an Dualchais/Kist o Riches a’ sireadh Stiùiriche ùr airson am pròiseact cudromach seo a stiùireadh tron ath ìre de leasachaidhean.

‘S e goireas nàiseanta a th’ ann an Tobar an Dualchais a th’ air cliù a chosnadh air feadh an t-saoghail tro làrach-lìn a tha a’ taisbeanadh sgeulachdan, òran is chlàran air iomadh cuspair co-cheangailte ri dualchas na h-Alba. Tha clàran ann bho thrì cruinneachaidhean mòra – Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann, BBC Alba agus Urras Nàiseanta na h-Alba.

Anns an ath ìre de leasachaidhean, thèid làrach-lìn ùr a chruthachadh agus bidh plana leasachaidh ri dhealbhachadh airson an àm ri teachd.

‘S e cothrom air leth a tha seo do neach aig a bheil deagh eòlas air dualchas na Gàidhlig is Albais agus aig a bheil eòlas agus sàr sgilean ann an stiùireadh, leasachadh agus conaltradh a thighinn dhan Eilean Sgitheanach agus a bhith stèidhichte aig prìomh oifis a’ phròiseict, aig Sabhal Mòr Ostaig.

Airson barrachd fiosrachaidh, rachaibh gu: http://www.smo.uhi.ac.uk/obair

Agallamhan (SMO): 20 no 21 An Cèitean

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.