Òraidiche ann an Gàidhlig / Lecturer in Gaelic

  • Làn-thìde / Full-time
  • Don Street, Aberdeen
  • Posted 2 months ago
  • Tha seo dùinte do thagraichean ùra / Applications have closed
  • Tuarastal / Salary: £40,792 - £48,676 p.a.
  • Cùmhnant / Contract: Maireannach (le ùine-pròbhaidh 3 bliadhna) / Permanent (with 3 year probation period)
  • Gàidhlig / Gaelic: Riatanach / Essential

Làrach-lìn / Website aberdeenuniUniversity of Aberdeen

Tha Sgoil Chànain, Litreachais, Chiùil agus Chultair Lèirsinnich a’ sireadh Òraidiche ann an Gàidhlig aig Ìre Phàighidh 7 air cùmhnant làn-thìde maireannach bhon 1mh Lùnastal 2019. Bu chòir PhD a bhith aig na tagraichean ann an cuspair freagarrach agus bu chòir eòlas a bhith aca air a bhith a’ teagasg chuspairean Gàidhlig aig ìre fo-cheuma agus comasach air cur ri cùrsaichean ann an cuspairean eile san Sgoil, leithid Ceiltis agus Angla-Sasannach no Eadar-theangachadh.

The School of Language, Literature, Music & Visual Culture seeks to appoint a full time Lecturer in Gaelic from 1 August 2019. Applicants should hold a PhD relevant to the field, have teaching experience in Gaelic at undergraduate level, and should be able to contribute to courses in other disciplines in the School, such as Celtic and Anglo-Saxon or Translation Studies.

Bidh an tagraiche soirbheachail a’ teagasg agus a’ dèanamh obair mheasaidh airson chùrsaichean a tha Roinn na Gàidhlig a’ tabhann aig na h-ìrean Fo-Urraim (Ìrean 1 is 2) agus Urraim (Ìrean 3 is 4). A rèir eòlais, ’s dòcha gun cuir an neach seo ri cùrsaichean ann am prògraman eile san Sgoil, leithid Ceiltis agus Angla-Sasannach (Fo-cheum) agus Eadar-theangachadh (Fo-Cheum agus Iar-Cheum). Am measg nan dleastanasan eile a dh’fhaodadh a bhith orra tha co-òrdanachadh chùrsaichean agus pàirtean eile de rianachd na roinne mar a thèid aontachadh le Co-òrdanaiche Prògram nan Cùrsaichean Fo-cheuma agus Ceann na Sgoile Cànain, Litreachais, Ciùil agus Cultair Lèirsinnich.

The successful candidate will deliver teaching and undertake assessment on courses offered by the Department of Gaelic at sub-Honours (Levels 1 and 2) and Honours (Levels 3 and 4). Depending on background and expertise, they may also contribute courses to other programmes in the School such as Celtic & Anglo-Saxon Studies (UG level) and Translation Studies (UG and PGT levels). Responsibilities may also include course co-ordination and other aspects of departmental administration as agreed with the Undergraduate Programme Co-ordinator and the Head of School in Language, Literature, Music & Visual Culture. 

Gheibhear tuarastal aig an ìre fhreagarraich de Ìre Phàighidh 7 (£40,792 – £48,676) agus faodar an ìre sin aontachadh a rèir theisteanasan agus eòlais ma thèid an dreuchd a thabhann dhuibh. Bidh an dreuchd maireannach, a’ tòiseachadh air 1 An Lùnastal 2019.

Salary will be at the appropriate point on the Grade 7 salary scale (£40,792 – £48,676 per annum) and negotiable with placement according to qualifications and experience. The appointment will be permanent, commencing on 1 August 2019. 

Ma tha sibh airson ceistean neo-fhoirmeil fhaighneachd mun dreuchd seo, faodaidh sibh fios a chur gu:

An t-Àrd-ollamh Edward Welch, Ceann na Sgoile

01224 272152

edward.welch@abdn.ac.uk

Feuch nach cuir sibh foirmichean-iarrtais no Cunntas-beatha gun Àrd-ollamh Welch.

Should you wish to make an informal enquiry please contact: 

Professor Edward Welch, Head of School 

01224 272152 

edward.welch@abdn.ac.uk 

Please do not send application forms or CVs to Professor Welch. 

The closing date for receipt of applications is / ’S e an ceann-latha airson iarrtasan 4 February 2019

Feuch gun cuir sibh àireamh na dreuchd LAN085A ann, sna brathan a chuireas sibh thugainn / Please quote reference number LAN085A on all correspondence

Tha tagraichean dùinte airson an sanas-obrach seo. Tadhail air an duilleag obraichean airson cothroman ùra fhaicinn.

Applications for this position are closed. Please visit the jobs page to see new positions.